B' e fiosaigiche agus ceimigear às an Fhraing a bha ann an Irène Joliot-Curie (Paris 12 an t-Sultain 1897–Paris 17 am Màrt 1956). Fhuair i an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1935[1] còmhla ris an duine aice, Frédéric Joliot-Curie, dìreach an dàrna thè a choisinn an duais seo.[2] Gu h-iongantach, 's e nighean Marie Curie, a' chiad thè a fhuair an duais a bh'ann co-dhiù is Pierre Curie.

Irène Joliot-Curie
undersecretary (en) Translate

4 dhen Ògmhios 1936 - 26 dhen t-Sultain 1936 - Jean Perrin (mul) Translate
Beatha
Ainm slàn Irene Curie
Breith 13th arrondissement of Paris (en) Translate, 12 dhen t-Sultain 1897
Dùthaich  An Fhraing
Àite-fuirich Paris
Bàs Paris, 17 dhen Mhàrt 1956
Àite-adhlacaidh Cemetery Sceaux (en) Translate
Nàdar a’ bhàis death by misadventure (en) Translate (bànachadh-fala)
Teaghlach
Athair Pierre Curie
Màthair Marie Curie
Cèile Frédéric Joliot-Curie  (9 dhen Dàmhair 1926 -
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Roinn Saidheansan Pharas 1925) doctorate in France (en) Translate : fiosaig
Collège Sévigné (en) Translate
Oilthigh Pharas
Stiùiriche an teusais Paul Langevin
Oileanaich dotaireachd Yang Chengzong (en) Translate
Cànain Fraingis
Luchd-teagaisg Paul Langevin
Dreuchd
Dreuchd fiosaigiche, ceimigear, ollamh, neach-poileataigs, fiosaigiche niùclasach agus rannsaichear
Fastaichean Roinn Saidheansan Pharas
Duaisean a fhuaras
Ainmeachadh airson duaisean
Ballrachd Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan ann am Berlin
Acadamh Ruiseanach nan Saidheansan
Royal Academy of Medicine of Belgium (en) Translate
Acadamh Rìoghail nan Tìrean Ìsle airson nan Ealan is Saidheansan
Acadamh Phòlainneach nan Saidheansan
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach French Section of the Workers' International (en) Translate
IMDb nm3396150

Rugadh i ann an 1897 is dh'ionnsaich i aig Roinn Saidheansan Pharas is ag obair mar ghath-ghrafaiche sa' Chogadh Mòr. Phòs i Frédéric Joliot ann an 1926 is rinn iad iosatòpaichean rèidio-bheò de naitridean, fosfaras is aluminium. Chaidh i na h-òraidiche ann an 1932 is na h-àrd-ollamh ann an 1936. Fhuair i caitheamh san Dàrna Cogadh is dh'imrich i don Eilbheis.[3] Thill i don Fhraing as dèidh a' chogaidh is stiùir i an Institiud Radium as dèidh 1946 is ghabh i pàirt ann an togail a' chiad reactar niùclasach san Fhraing ann an 1948. Chaochail i ann an 1956.[4]

Dh'ainmicheadh cruinn-shloc air Bhèineas oirre.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. The Nobel Prize in Chemistry 1935”. Nobel Media AB. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2018.
  2. Nobel Prize Awarded Women”. Nobel Media AB. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2018.
  3. 3.0 3.1 Cousins, Sarah-Jane (An t-Ògmhios 2014): “Irène Joliot-Curie | 175 Faces of Chemistry”. Comann Rìoghail na Ceimigeachd. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2018.
  4. Irène Joliot-Curie - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2018.