George Elder Davie
B' e feallsanach Albannach a bh' ann an George Elder Davie (18 am Màrt 1912–20 am Màrt 2012). B' e The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century (1961) an leabhar as ainmeile a sgrìobh e, agus “bha buaidh mhòr aig a smaoineasan agus aig a sgoileireachd feallsanachail air sgrìobhaichean, luchd-teagaisg, agus smaoinichean na h-Alba, agus gu ìre mhòr tha an dòigh anns an deach deamocrasaidh, agus foghlam agus cultar an òrdachadh an Alba an urra ris.”[1]
George Elder Davie | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Dùn Dèagh, 18 dhen Mhàrt 1912 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Sutton Veny (en) , 20 dhen Mhàrt 2007 |
Teaghlach | |
Cèile | Elspeth Davie |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Dhùn Èideann |
Teusas | The Scotch metaphysics |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | feallsanaiche |
Fastaichean |
Oilthigh Dhùn Èideann Oilthigh na Bànrighe ann am Beul Feirste |
Obraichean comharraichte | The Democratic Intellect (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Ballrachd | Comann Rìoghail Dhùn Èideann |
Far-ainmean | G.E. Davie |
Seirbheis san arm | |
Meur an airm | Arm Bhreatainn |
Beatha
deasaichRugadh agus thogadh Davie ann an Dùn Dèagh. Bha e a’ frithealadh Àrd-sgoil Dhùn Dèagh mus deach e air adhart gu Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn e ceum ann am feallsanachd.
George Elder Davie agus Litreachas
deasaichBha Elspeth Davie, a' bhean aig George, na sgrìobhadair ainmeil agus fhuair i Duais Katherine Mansfield airson Sgeulachdan Goirid ann an 1978. Nuair a bha e a' fuireach ann am Beul Feirste, bha George Davie eòlach air Philip Larkin, aon de na bàrd as cliùitiche ann am Beurla anns an 20mh linn.
Ann an Dùn Èideann, bha e gu math dlùth ri Somhairle MacGill-Eain. Fhuair e eòlas air Somhairle as t-samhradh 1933. Bha George Davie na oileanach Feallsanachd an Oilthigh Dhùn Èideann aig an àm seo. “Goirid an dèidh sin, choinnich Somhairle MacGill-Eain ri caraid do George Davie, James Bowman Caird”, a bha na oileanach anns an dàrna bliadhna an Oilthigh Dhùn Èideann, “agus bha an triùir fhear nan deagh chompanaich bho sin a-mach.”[1] Stiùir Davie agus Caird Somhairle air bàrdachd Ùisdein MhicDhiarmaid. B' e Davie am fear a chuir Somhairle agus Ùisdean an aithne a chèile a' chiad turas. Mar a sgrìobh Somhairle mu a dheidhinn: “Bha George Davie gu sònraichte fiosrachail mu iomadach seòrsa gnothach an Alba, agus bha ùidh aige gu h-àraid ann an smaoineasan agus bha am fiosrachadh aige farsaing.”[2]
Iomraidhean
deasaichLeabhar-chlàr
deasaich- The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century (1961)
- The social significance of the Scottish philosophy of common sense (Dow lecture, 1972)
- The Scottish Enlightenment (1981)
- The Crisis of the Democratic Intellect: The Problem of Generalism and Specialisation in Twentieth-Century Scotland (1986)
- The Scottish Enlightenment and Other Essays (1991)
- A Passion for Ideas: Essays on the Scottish Enlightenment 2 (1994)
- The Scotch Metaphysics : a Century of Enlightenment in Scotland (2000)
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- George Elder Davie: Eachdraidh-beatha air làrach-lìn Shomhairle MhicGill-Eain (Gàidhlig)
- George Elder Davie: Bella Caledonia (Beurla)
- "The Democratic Intellectual: George Elder Davie" - aiste le Christopher Harvie air Open Democracy (Beurla)
- Iomradh-bàis: Herald Scotland (Beurla)
- Iomradh-bàis: “Dr George Davie” (Beurla). Oilthigh Dhùn Èideann. Air a thasglannadh [o http://www.philosophy.ed.ac.uk/documents/GeorgeDavieobituary.pdf] 5mh dhen Mhàrt 2012. Air a thogail 18mh dhen Mhàrt 2018 (PDF).