Amersfoort
Amersfoort
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Na Tìrean Ìsle | ||||
Sgìre | Utrecht | ||||
Co-chomharran | 52° 09 23' Tuath 05° 23 23' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 63.78 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 149,653 (2012) | ||||
Dlùths | 2,346.39/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 033[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus sgìreachd (Duitsis: gemeente), faisg air Utrecht ann an cridhe nan Tìrean Ìsle a th' ann an Amersfoort (IPA: aːmərsfʊːrt, Frysk: Amersfoart). Tha e suidhichte ri taobh na h-aibhne Eem, a sruthas dhan Loch Eemmeer, 8m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Duitsis: provincie) Utrecht, 42km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 68km bho Rotterdam, 74km bho Den Haag, 123km bho Bhreda agus 80km bho Eindhoven.[3] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1028 agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) bho Hendrik van Vianden, Easbaig Utrecht, ann an 1259. ‘S ann à Amer (seann ainm na h-aibhne) agus voorde (àth san Duitsis) a th’ann an t-ainm. Tha 149,653 duine a' fuireach ann.[4] A bharrachd air sin, ‘s e an dàrna bhaile as motha na roinne agus an 17mh fear as motha na dùthcha a th’ann an Amersfoort.[5]
Eachdraidh
deasaichChaochail an t-Eòlaiche-fiosaig Frits Zernike an seo ann an 1966.
Daoine Ainmeil
deasaich- Piet Mondriaan: (1872 - 1944) Peantair.