Tràilleachd
‘S e siostam eaconomach a th’ann an Tràilleachd (Bho Seann-Lochlannais: þræll),[1] far am bithear ag ùisinneachadh nan daoine mar rudan neo seilbh, an àite mar dhaoine le còirichean.[2] Ann an iomadh àite, bha tràilleachd stèidhichte ann an lagh.[3] Ann an dòigh as simplidh bunaitiche ri ràdh, 's e duine sam bith a bhios ag obair airson duine eile às aonais chòirichean neo tuarastal a th' ann an tràill. Ghairmeadh ann an Coinbheinsean mu Thràilleachd a chuir Comhairle nan Nàisean an gnìomh air 25 an t-Sultain 1926 nach ann tràilleachd ach:
"... stàit neo suidheachadh anns a bheil neach fa leth fo sheilbh duine eile ... mar sin thathar dhen bheachd gur e tràill a th’ann neach fa leth nach fhaod a mhaighstir, a neach-seilbhe neo a cheannard fhàgail, ... gun chead agus thèid an tràill a thoirt air ais ma chailleas neo ma theicheas e. Feumaidh ga chumail ann an dòigh neo-fhoirmeil, tro chòrdaidhean oifigeil neo tostach leis a’ Phoileis neo ùghdarrasan eile – airson nam maighstirean cumhachdail, air sàilleabh gur e daoine beairteach aig a bheil oighreachdan a th’ annta."
Tha iomadh teacsa laghail eadar-nàiseanta air mìneachadh a thoirt dhan fhacal tràilleachd. Thuirteadh anns a' chiad artaigeil Coinbheinsean mu Thràilleachd Chomhairle nan Nàisean (1927), gur e stàit neo suidheachadh far am bithear a' làimhseachadh neo a’ dèiligeadh ris na daoine mar sheilbh a th’ ann tràilleachd".[4] Ann an 1930 ghabh Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach (BENO) ri mìneachadh mu obair-èiginn a ghairm gur e coltach ri tràilleachd: "Tha an teirm obair-èiginn, neo obair mar dhleastanas, a’ gabhail a-steach a h-uile obair neo seirbheis a nì neach fa leth fo dhaorsa cuideigin agus obair nach do thairg an neach gu saor-thoileach". A thuilleadh air sin, tha BENO dhen bheachd gur e seòrsa thràilleachd a th' ann clann ag obair.[5] Bithear daonnan a’ cleachdadh an fhacail tràilleachd mar argamaid phoileataigeach neo ideòlach: tràilleachd thuarastail an aghaidh Chalpachas, tràilleachd fhiosgail nam libearalach,[6] smuaintean nan sìochantair agus nam libearalach a nì coimeas eadar seirbheis san arm agus tràilleachd, a bharrachd air tràilleachd nam beathaichean.[7]
Eachdraidh
deasaichFad eachdraidh nan daoine agus fiù ‘s anns an àm ro eachdraidheil, ghabhadh mòran cho-chomainn ri tràilleachd ann am foirm air choireigin. Mhair tràilleachd oifigeil gu ruige 2007, nuair a chuir Moratainia caisg laghail oirre, an dùthaich mu dheireadh san t-saoghal, ged a chaidh tràilleachd a chur às an lagh ann an 1981. Tha an Global Slavery Index ag innse gun robh 90,000 daoine ann an tràilleachd nuadh ann am Moratainia ann an 2018.[8]
Tràilleachd Àrsaidh
deasaichB’ e tràilleachd ann an teis-mheadhan an eaconamaidh anns na làithean ro Chrìosta.[9] Chleachdadh daoine air an glacadh ann an cogadh mar tràillean agus an cuid cloinne.[10] B’ e cleachdadh sòisealta gu math àbhaisteach fad an t-siubhail gu ruige nam meadhan aoisean san Roinn Eòrpa gus an do nochd siostam eile, ged a lean tràilleachd air thall thairis. B' ann gu math cudromach a bha tràilleachd o chionn 's nach robh còirichean daonna ann agus bha e gu math furasta a' toirt air na daoine a h-uile obair shuarach chruaidh a dhèanamh.
Tràilleachd thar a’ Chuain Shiar
deasaichThàinig tràilleachd gu Ameireaga anns an 16mh Linn. Chaochail 90% nan Tùsanach ann an Ameireaga le galaran às an t-seann shaoghal anns na 100 bliadhna a lean teachd nan Spàinnteach ann 1492.[11] Le sin, thòisicheadh daoine a thoirt à Afraga nan tràillean dha na colonaidhean ùra air taobh thall a’ Chuain Shiar, fada air falbh bhon Roinn Eòrpa. Aig an toiseach tòisichidh bhite a' cleachdadh luchd-obrach bannaichte às an Roinn Eòrpa, mòran Ghàidheil nam measg. Ach bha feum aig na h-uachdarain air luchd-obrach mòran na bu shaoire na seo agus 's e an adhbhar a ghabh iad ri tràillean a cheannachd ann an Afraga.[12] A bharrachd air sin, bha gràin-chinnidh an lùib. Seo na h-àireamhan de dhaoine a chaidh a thràilleachadh a rèir gach dùthaich a bha an lùib sa ghnothaich mar a leanas:
- A' Phortagail: 10,500,000 duine nan tràillean
- An Rìoghachd Aonaichte: 8,500,000 duine nan tràillean
- An Spàinn: 4,000,000 duine nan tràillean
- An Fhraing: 2,000,000 duine nan tràillean
- Na Stàitean Aonaichte: 2,000,000 duine nan tràillean
- Na Tìrean Ìsle: 1,000,000 duine nan tràillean
- Stàitean na Gearmailte: 500,000 duine nan tràillean
- An Danmhairg: 500,000 duine nan tràillean
- Braisil: 500,000 duine nan tràillean
- Eile: 500,000 duine nan tràillean
B’ e Poll a' Ghrùthain, Glaschu[13] agus Lunnainn na bailtean a bha gu làidir an sàs anns a’ mhalairt triantanach: stuth às nan taighean-gnìomhachais ga reic ann an Afraga, tràillean nan reic ann an Aimearaga, siùcar, tombaca agus gran-bhàrr na talmhainn eile ga reic anns an Roinn Eòrpa.[14]
Chaidh còrr is millean acaire air a' Ghàidhealtachd a cheannachadh le bheartais a thàinig bho thràilleachd.[15] Tha Ceit Fhoirbeis dhen bheachd gum bu chòir taigh-tasgaidh na tràilleachd a stèidheachadh air a' Ghàidhealtachd.[16]
9mh Linn
deasaich- Ann an 873, sgrìobh Pàpa Iain VIII an Litir Abstolach Unum est a dhearbhaich gu robh còirichean agus saorsa aig tràillean.
13mh Linn
deasaich14mh Linn
deasaich- 3 an t-Iuchar 1315 : Èigheachd Rìoghail an Rìgh Louis X na Frainge a dhearbhaich a rèir còirichean nàdarra, feumar gach uile duine air breith saor. Bhon an latha sin agus gu h-oifigeil, saoraichidh fearann na Frainge an tràill a chuireas a chas oirre[17].
- 1335: Cur às do thràilleachd anns An t-Suain, a ghabhadh a-steach Suòmaidh aig an àm.[18]
15mh Linn
deasaich- 1435: Dhìt Pàpa Eòghann IV tràilleachd agus dh' ascaointich e luchd-reic nan tràill anns an Litir Abstolach Sicut Dudum.[19]
16mh Linn
deasaich- 1537: Thoirmisg fhoirmeil bhon Phàpa Pòl III air tràilleachd dhan a h-uile nàisean aithnichte neo am biodh aithnichte san àm ri teachd (Veritas ipsa). Dh'fheuch rìghrean na Spàinn sin a dhèanamh ro làimhe, ach cho iad cho soirbheachail.
- 1588: Cur às do thràilleachd ann an Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia.[20]
18mh Linn
deasaich- 1772: Cùis-lagha James Somersett: chaidh a dhearbhadh nach robh tràilleachd idir laghail ann an lagh coitcheann Shasainn agus na Cuimrigh.
- 1792: Sgrìobh An Danmhairg lagh a chuireadh às do mhalairt nan daoine dubha an ceann 10 bliadhna.[21]
- 1793: 23 an Lùnastal, chuir coimiseanair na Poblachd Sonthonax às do thràilleachd sa cholonaidh Fhrangach Saint-Domingue, neo Haiti an lath an-diugh.
- 1794: 16 pluviôse, bliadhna II (4 an Gearran 1794), leasaich na thachair ann an Sonthonax dhan a h-uile colonaidh na Frainge.
19mh Linn
deasaich- 1802: Ath-stèidheachadh thràilleachd taobh a-muigh na Frainge fo Napoleon Bonaparte, tron lagh 30 Floréal, bliadhna X (20 an Cèitean 1802) a rèir an lagha a bh' ann ro 1789, leis gu robh oighreachd agus tràillean aig teaghlach Joséphine de Beauharnais.
- 1803: 1 am Faoilleach, Cur às do mhalairt nan daoine dubha anns An Danmhairg, a rèir Lagh dhe 1792.[22]
- 1804: 1 am Faoilleach, neo-eisimeileachd Haiti agus cur às do thràilleachd agus do mhalairt nan daoine dubha.
- 1807: Cur às do mhalairt nan daoine dubha anns na Stàitean Aonaichte agus Breatainn.
- 1815: Cho-dhùin na dùthchannan na bu chumhachdaile san Roinn Eòrpa (An Ostair, Breatann, An Fhraing, A' Phortagail, An Ruis, An t-Suain) crìoch a chur air malairt nan daoine dubha aid Co-labhairt Vienna. A dh'aindeoin sin, chumadh am malairt a' dol gu mì-laghail gus an do chuireadh às do thràilleachd. Èigheachd Napoléon an aghaidh malairt nan daoine dubha air 29 am Màrt 1815 eadar teicheadh Napoléon à Elba agus Blàr Waterloo.
- 1818: 15 an Giblean, lagh Frangach a chuir as do mhalairt nan daoine dubha. Chaidh an lagh seo a nuadhachadh air 25 an Giblean 1827 agus 22 an Gearran 1831.
- 1821: Pearu : Èigheachd José de San Martín a shaoraich clann nan tràill air am breith bhon latha siud, saorachadh uidh air n-uidh na feadhna eile agus toirmeasgach malairt nan daoine dubha. Stèidheachadh Libèiria ann an Afraga an Iar le buidheann às na Stàitean Aonaichte airson thràillean air an saorachadh. B' e Libèiria fear dhe na ciad dùthchannan neo-eisimeileach ann an Afraga, ann an 1847.
- 1823: 24 an t-Iuchar, Cur às do Thràilleachd anns An t-Sile.[23]
- 1824: 17 an Giblean, Cur às do Thràilleachd ann an Costa Rica agus an uair sin air 23 an Giblean ann (Hondùras, Panama, Beilise, El Salbhador agus Guatamala).
- 1826: 26 an Dàmhair, Cur às do Thràilleachd ann am Boilibhia.
- 1829: Èigheachd a' chinn-suidhe Vicente Guerrero a chuir às do thràilleachd ann am Meagsago. Cha do ghabh Texas rithe agus ghairm iad ann cuid neo-eisimeileachd ann an 1835 agus poblachd ann an 1836.
- 1830: Cur às do Thràilleachd ann an Uruguaidh.
- 1833: Cur às do Thràilleachd ann am Breatainn, tro lagh a chuir air dòigh atharrachadh uidh air n-uidh anns na colonaidhean aca (Iaimeuca, Trianaid agus Tobago, Barbados, Greanada, agus Costa Afraga a Deas).
- 1838: 12 an t-Samhain, Cur às do Thràilleachd ann an Niocaragua.
- 1840: A' Chiad Cho-labhairt an aghaidh Tràilleachd na Cruinne, san Ògmhios ann an Lunnainn.
- 1844: 6 an Dùbhlachd, Cur às do Thràilleachd ann am Poblachd Dhoiminicia.
- 1846: 23 am Faoilleach, Cur às do Thràilleachd ann an Tuinisia.
- 1847: Cur às do Thràilleachd anns an Impireachd Otomanach.[24].
- 1847: 9 an Dàmhair, Cur às do Thràilleachd ann an Saint-Barthélemy a bha fo bhuaidh na Suaine.[25]
- 1848: 27 an Giblean, Cur às do Thràilleachd anns an Fhraing agus a cuid cholonaidhean (Guadeloupe, Martinique, Réunion, Guiana Fhrangach, Senegal). Shaoraidh tràillean air an oighreachd ann an Trujillo iadsan fhèin, às dèidh ar-a-mach.
- 1850: Cur às oifigeil do mhalairt nan daoine ubha ann am Braisil, ged a lean an gnothach air gu mì-laghail.
- 1851: 21 an Cèitean, Cur às do Thràilleachd ann an Coloimbia agus 18 an t-Iuchar ann an Eacuador.
- 1853: 1 an Cèitean, Cur às do Thràilleachd anns An Argantain.
- 1854: Cur às do Thràilleachd anns A' Bheiniseala, fon cheann-suidhe Jose Gregorio Monagas. Cur às do Thràilleachd nan Rroma ann an Romàinia (a gabhadh a-steach dìreach Valachia agus Moldova aig an àm).
- 1855: Cur às deimhinnte do Thràilleachd ann am Pearu.[26]
- 1857: 5 an Gearran, Cur às do Thràilleachd ann am Meagsago.
- 1861: Cur às do servage anns an Ruis.
- 1863: Cur às do Thràilleachd ann an colonaidhean Aimeireaganach nan Tìrean Ìsle (Suriname agus Curaçao).
- 1865: 13mh atharrachadh Bun-reachd nan Stàitean Aonaichte, a thoirmisg tràilleachd.
- 19 an t-Ògmhios (Juneteenth) : cur às do thràilleachd ann an Teagsas.
- 1869: Cur às do Thràilleachd anns A' Phortagail[27] agus ann am Paraguaidh air 2 an Dàmhair.
- 1873: 22 am Màrt, Cur às do Thràilleachd ann am Puerto Rico (colonaidh na Spàinne aig an àm).
- 1880: 30 am Faoilleach, anns An Spàinn, bhòt Pàrlamaid na dùthcha airson dàil a mhaireadh ochd bliadhna airson saoradh uidh air n-uidh nan tràillean.
- 1886: Cur às deimhinnte do Thràilleachd ann an Cùba. prévue pour 1888 par la loi de 1880, est avancée de deux ans.
- 1888: 13 an Cèitean, chuir an tàinistear Isabella a h-ainm gu Lagh an Òir (Portagailis: Lei Áurea) a chuir às do thràilleachd ann am Braisil.
- 1896: Cur às do Thràilleachd (eadar-malgais) ann am Madagascar leis na h-ùghdarrasan Frangach.
- 1897: Chruthaich na h-ùghdarrasan Breatannach colonaidh ann an Zanzibar agus chaidh tràilleachd a thoirmeasg.[28] Bha eaconomaidh an eilein air a stèidheachadh air tràilleachd nan Afraganach, ach chuir iad às dha co-dhiù.
20mh Linn
deasaich- 1907: Cur às do Thràilleachd eadar-afraganach leis na Breatannaich ann an Kenya.
- 1909: Cur às do Thràilleachd anns An t-Sìona.[29] A dh'aindeoin sin, thathar dhen bheachd gu robh mu 4 muillean duine-cloinne a bha fhathast nan tràillean anns an t-Sìona ann an 1930.[30]
- 1922: Cur às do Thràilleachd ann am Maroco leis na Frangaich.
- 1923: Cur às do Thràilleachd ann an Afganastan.
- 1924: Cur às do Thràilleachd ann an Ioràc.
- 1925: Thuirt Albert Londres gu robhar a' reic thràillean anns an dìomhaireachd ann an Aràibia.
- 1926: Cur às do Thràilleachd ann an Neapàl agus An Aetiòp. Chaidh Cunnradh Gheneva, a dhìt tràilleachd, a dhearbhadh le 44 dùthchannan.
- 1929: Cur às do Thràilleachd ann an Iòrdan agus Ioràn.
- 1937: Cur às do Thràilleachd ann am Bachrain.
- 1948: Sgrìobhadh artaigil 4 Foirgheall Uile-choitcheann Còirichean nan Daoine, a chaidh a dhearbhadh ann an 1956.
- 1949: Cur às do Thràilleachd ann an Cubhait.
- 1952: Cur às do Thràilleachd ann an Catar. Tha an lagh mu dheidhinn parrainage fhathast ann, ged a chuir dùthchannan eile faisg air làimh às do pharrainage.[31]
- 1957: Cunnradh mu às dhan obair-èiginn, Buidheann Eadar-nàiseanta na h-Obrach.
- 1964: Cur às do Thràilleachd ann an Aràibia nan Sabhd.
- 1970: Cur às do Thràilleachd ann an Oman.
- 1980: Cur às do Thràilleachd ann am Moratainia. A dh'aindeoin sin, cha do chuireadh an sàs e air sàilleabh gu robhar a' creidsinn gum biodh an lagh seo an aghaidh Ioslaim, leis gu robh laghan anns a' Choran a dhèiligeadh ri tràilleachd. Tha fhathast mu 100,000 a tha nan tràillean san dùthaich gus an latha na-diugh.
- 1992: Cur às oifigeil do Thràilleachd ann am Pacastan. A dh'aindeoin sin, bu chòir do bharraillean ionadail a ghabhail ris an lagh, rud nach do thachair mar-thà agus chan eil structar ann airson sin a dhèanamh nas motha.[32]
21mh Linn
deasaich- 2001: An Fhraing, lagh a làimhsicheas tràilleachd mar eucoir an aghaidh na daonnachd.
- 2004: Bliadhna comharrachaidh agus sabaid an aghaidh thràilleachd nan Nàisean Aonaichte.
- 2005: 2 an Dùbhlachd, Latha eadar-nàiseanta an aghaidh Thràilleachd.
Tràilleachd an Là an-diugh
deasaichChan eil tràilleachd laghail idir ann an dùthaich sam bith an latha an-diugh. A dh’aindeoin sin, thathar dhen bheachd gu bheil còrr is fichead muillean duine fhathast nan tràillean ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil air feadh an t-saoghail.[33]
Ann an Leabhraichean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ York University
- ↑ Laura Brace (2004). The Politics of Property: Labour, Freedom and Belonging. Edinburgh University Press. duilleagan 162–. ISBN 978-0-7486-1535-3.
- ↑ Shelley K. White; Jonathan M. White; Kathleen Odell Korgen (27 an Cèitean 2014). Sociologists in Action on Inequalities: Race, Class, Gender, and Sexuality. SAGE Publications. duilleag 43. ISBN 978-1-4833-1147-0
- ↑ “Slavery Convention”. Office of the High Commissioner on Human Rights. Air a thogail 20mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ OIT ILO
- ↑ Machan EG, Tibor R, "Tax Slavery", Ludwig von Mises Institute, 2000
- ↑ Spiegel, Marjorie, The Dreaded Comparison: Human and Animal Slavery, Mirror Books, New York, 1996
- ↑ “World Report 2021: Mauritania”. Human Rights Watch. Air a thogail 20mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ Lauffer, S. "Die Bergwerkssklaven von Laureion", Abhandlungen no. 12 (1956), duilleag 916.
- ↑ Oilthigh Phrinceton
- ↑ Klein, Herbert S. agus Jacob Klein. The Atlantic Slave Trade. Cambridge University Press, 1999, duilleagan 103–139.
- ↑ “Trans-Atlantic Slave Trade - Introductory Maps”. Slave Voyages Consortium. Air a thogail 20mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ “Tobacco Lords”. Slavery and Glasgow. Scottish Archives Network. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ “The transatlantic slave trade”. National Museums Liverpool. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ “Beartas na tràilleachd”, Naidheachdan a' BhBC. 10mh dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ “Taigh-tasgaidh na tràilleachd?”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 19mh dhen Dàmhair 2021.
- ↑ Breve histoire de l'esclavage en Occident
- ↑ Police and public order in Europe, John Roach agus Jürgen Thomaneck, Taylor & Francis, 1985, ISBN19780709922421
- ↑ Sicut Dudum
- ↑ The union of Lublin, Polish federalism in the golden age, Harry E. Dembkowski, East European Monographs, 1982, ISBN 9780880330091, duilleag 271
- ↑ Nelly Schmidt, L'abolition de l'esclavage. Cinq siècles de combats, Fayard, Paris, 2005, duilleag 353
- ↑ Nelly Schmidt, duilleag 353
- ↑ Dossier de l'Unicef sur l'esclavage en Amérique du Sud
- ↑ Archive Ministérielle de Turquie, Gestion des Affaires Intérieures, bliadhna : (1263/1847), 9553
- ↑ Mémoires Barth
- ↑ Nelly Schmidt, L'abolition de l'esclavage : cinq siècles de combats XVIe - XXe siècle, Fayard, Paris, 2005, duilleag 254
- ↑ Hugh Thomas, La traite des Noirs, éd. Robert Laffont, duilleag 850.
- ↑ Chittick, Neville (1965). "The ‘Shirazi’ Colonization of East Africa". Journal of African History (Cambridge University Press) 6 (3): 275–294
- ↑ Histoire de l'esclavage. De l'Antiquité à nos jours, Christian Delacampagne, Paris, 2002, ISBN2253905933, duilleag 43
- ↑ Milton Meltzer, Slavery: A World History, New York, 1993, Vol. II, duilleag 258
- ↑ Slate
- ↑ Mémorial de Nantes
- ↑ Courrier International