B' e feallsanaiche poileataigeach às a' Ghearmailt a bha ann an Karl Heinrich Marx (Trier, 5 an Cèitean, 1818Lunnainn, 14 am Màrt 1883). Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cumhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e an fheallsanachd phoilitigeach ris an canar Co-mhaoineas anns an duilleachan no pamflaid "am Manifesto Commanach" a thàinig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 's e 'Marxachas' a dh'èighear air na smuaintean aige.

Karl Marx
Beatha
Ainm slàn Karl Heinrich Marx
Breith Trier, 5 dhen Chèitean 1818
Dùthaich Rìoghachd na Pruise  1845)
 Rìoghachd Aonaichte
duine gun stàit  (1845 -
Àite-fuirich Lunnainn
Trier
Berlin
Paris
The Swan (en) Translate
Cinneadh Iùdhaich Ashkenazi
Ciad chànan Gearmailtis
Bàs Lunnainn, 14 dhen Mhàrt 1883
Àite-adhlacaidh Tomb of Karl Marx (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (lung disease (en) Translate)
Teaghlach
Athair Heinrich Marx
Màthair Henriette Presburg
Cèile Jenny von Westphalen (en) Translate  (19 dhen Ògmhios 1843 -  1881)
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Sinnsirean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Jena
Gimnasium Real Frederick William III (en) Translate
(1830 -
Oilthigh Bonn
(dhen Dàmhair 1835 - 1836)
Oilthigh Humboldt Berlin
(dhen Dàmhair 1836 - : jurisprudence (en) Translate, feallsanachd
Àrd-fhoghlam Dotair Feallsanachd
Teusas Differenz der demokritischen und epikureischen naturphilosophie
Stiùiriche an teusais Bruno Bauer (mul) Translate
Cànain Gearmailtis
Luchd-teagaisg Friedrich Gottlieb Welcker (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd eaconamaiche, neach-naidheachd, eachdraiche, feallsanaiche, sòiseo-eòlaiche, rèabhlaideach, bàrd, neach-poileataigs, sgrìobhadair, ùghdar, eòlaiche nan saidheansan sòisealta, film screenwriter (en) Translate agus television writer (en) Translate
Àitichean-obrach Köln
Fastaichean Neue Rheinische Zeitung (en) Translate
Rheinische Zeitung (en) Translate
Obraichean comharraichte Economic and Philosophic Manuscripts of 1844 (en) Translate
Capital: A Critique of Political Economy (en) Translate
The German Ideology (en) Translate
Am Manifesto Commanach
Duaisean a fhuaras
Buaidh Georg Wilhelm Friedrich Hegel (mul) Translate, Max Stirner (mul) Translate, Ludwig Feuerbach (mul) Translate agus The Essence of Christianity (en) Translate
Ballrachd Comann Eadar-nàiseanta nam Fir-obrach
Far-ainmean Glückskind
Creideamh
Creideamh neo-dhiadhaireachd
antitheism (en) Translate
Pàrtaidh poileataigeach Communist League (en) Translate
IMDb nm0555631

Beatha agus obair

deasaich

Bha e na oileanach sna oilthighean ann am Bonn agus Berlin. Dh'imrich e do Pharas ann an 1843, far an do choinnich e Engels, agus Lunnainn ann an 1849. Tha mòran den bheachd gur e an leabhar is cudromaiche aige Das Kapital a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sìos, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seòrsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (Gàidhlig: calpachas) san latha an diugh. Bha e a' dol an aghaidh bheachdan eaconamas libearalaich agus lean mòran deasbaid eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil. A rèir Marx,[1] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh.

Dh'ùghdar e gu leòr leabhraichean eile mu iomadach cuspair cuideachd. Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dhachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dheireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnainn agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1883. Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air Fidel Castro agus Paulo Freire.

Urraman

deasaich

Dh'ainmicheadh an Oilthigh Leipzig air eadar 1953 agus 1990.

Aistean co-cheangailte

deasaich
  1. Callinicos, Alex (2010): The Revolutionary Ideas of Karl Marx. Bloomsbury, Lunnainn: Bookmarks. ISBN 978-1-905192-68-7.