Jorge Holguín Jaramillo
B’ e an seanailear Jorge Marcelo Holguín Jaramillo 30mh (an Dàmhair 1848, Cali) – 2 (am Màrt 1928, Bogotá), na Cheann-suidhe Choloimbia dà thurais. ‘S e stàitire, saighdear, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia,[1] agus bha e na cheann-suidhe Choloimbia bhon an t-Ògmhios gu ruige an Lùnasdal 1909, agus an uair bhon an t-Samhain 1921 gu ruige an Lùnasdal 1922 mar neach-ainmichte gach uile turas. Bha an teirm aige ainmichte airson leasachadh Rèile an Tuatha is Rèile a’ Chuain Sèimh agus a bharrachd air sin chuir e ainm dhan Chòrdadh Holguín–Avebury nuair a bha e na mhinistear na Dùthchannan Cèin.[2][3]
Jorge Holguín Jaramillo | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
1885 -
9 dhen Ògmhios 1909 - 4 dhen Lùnastal 1909
11 dhen t-Samhain 1921 - 7 dhen Lùnastal 1922 | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Cali, 30 dhen Dàmhair 1848 | ||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||
Bàs | Bogotá, 2 dhen Mhàrt 1928 | ||||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Vicente Holguín | ||||||
Cèile | Cecilia Arboleda de Holguín (en) | ||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||
Luchd-teagaisg | Eustaquio Palacios (en) | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, dioplomat agus luchd an airm | ||||||
Àitichean-obrach | Coloimbia | ||||||
Obraichean comharraichte | Q124357092 | ||||||
Ballrachd | Colombian Academy of History (en) | ||||||
Far-ainmean | Luis León | ||||||
Seirbheis san arm | |||||||
Meur an airm | Arm Nàiseanta Choloimbia | ||||||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Trèanadh agus Cùrsa Beatha anns an Airm
deasaich"Na nithean nach ionnsaich e anns na leabhraichean, dh’ionnsaich e eadar na daoine iad; na rudan nach òl e leis na ùghdairean clasaigeach, fhuair e iad anns a’ bheatha fhèin". Bha Jorge Holguín an sàs anns a’ ghnìomhachas agus bha deagh fhortan aige. Bha deagh fhios aige air na cuspairean eaconamach agus bha eòlaiche air an lagh eadar-nàiseanta. Fhuair e oideachas daonnaire – fhèin-foghlaimichte.
A bharrachd air sin, ‘ s e saighdear cliùiteach a bh’ann. Thug e pàirt anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1876 agus 1878 an aghaidh Aquileo Parra Gómez agus chaill e Blàr Puente del Común. A dh’aindeoin sin, chaidh e a dh’ainmeachadh Seanailear air sàilleabh na rudan a rinn e aig Blàr Cruz Colorada anns a’ chogadh dhe 1895.
Sgrìobh esan anns an fhèin-eachdraidh aige: «’S e an cogadh an rud nas uabhasaiche a thachras dhan dhuine. Tha mi a’ cuimhneachadh dìreach an dèidh Bhlàir Enciso, thachairt mi dlùth air a’ bhlàr fhad ‘s a bha mi a’ dèanamh obair iol-fhillte airson an t-Seanaileir Reyes, is chunnaic mi fear dhe na seallaidhean na b’ oillteil gum faod sinn fhaicinn. Eadar a h-uile àlainneachd nàdarra, bha na pàircean làn cuirp is closaich. Bha an fheadhainn fo leòin, leis an cuid chinn is gach uile cnàmh bhriste, a’ caoineadh gu doirbh.>>
Cùrsa Beatha Poileataigeach
deasaichMinistear
deasaich‘S e fìor dhìonadair a’ Phàrtaidh Tòraidh a bh' ann, dìreach bhon toiseach tòisichidh aige anns a’ poileataigs agus fo armaibh agus le sin fhuair e sreath dhe dreuchdan eadar-dhealaichte.
Bha e na Mhinistear an Ionmhais anns an Riaghaltas aig Rafael Núñez agus fhad ‘s a bha e anns an dreuchd sin rèitich e ais-tharraing nan Aimearaganach bho Phanamá, air an tug iad sealbh ann an 1885.
Bha e os cionn Ministrealachd na Dùthchannan an Cèin rè a’ chinneas aig Miguel Antonio Caro Tovar agus an dèidh bha e na Mhinistear a’ Chogaidh anns na Riaghaltasan aig Manuel Antonio Sanclemente agus Rafael Reyes. An turas sin b’ fheudar dhasan ainm a chur ris a’ Chòrdadh Holguín–Avebury mu co-aonachadh na h-iasadan eadar-nàiseanta aig Coloimbia. Airson an còrdadh a rinn e còmhla ris a’ Mhorair Avebury a dhìon, sgrìobh e an leabhar <<Desde Cerca>> (Bho dlùth air). Rinn an neach-dùbhlain Santiago Pérez Triana atharrais airsan anns an leabhar eile air an robh <<Desde Lejos>> (Bho fhada às).
Teaghlach agus Beatha Pearsanta
deasaichRugadh Jorge Holguín Mallarino ann an Cali ann an 1848, mac Vicente Holguín Sánchez agus María Josefa Mallarino Ibargüen. Tha e inntinneach gu robh an dithis theaghlach uabhasach làidir anns a’ phoileataigs aig ìre nàiseanta anns an 19mh linn: bha bhràthair athar Manuel María Mallarino agus a bhràthair Carlos Holguín Mallarino air a bhith nan cinn-suidhe na Poblachd. Chuir e a’ chiad chuid fhoghlaim ri taobh an ùghdair Eustaquio Palacios, a sgrìobh "El Alférez Real" agus air an robh Holguín glè dhòigheil.
Phòs e Cecilia Arboleda Mosquera, nighean Julio Arboleda Pombo agus an uair sin Sofía Mosquera Hurtado. Bha dusan duine chloinne aige.
Iomraidhean
deasaichSimón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)