B' e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia[1] a bh' ann an Gabriel París Gordillo (Ibagué 8 am Màrt 1910 - Girardot (Cundinamarca) 21 am Màrt 2008). Bha esan os cionn Riaghaltas na dùthcha bho 10 an Cèitean 1957 gu ruige 7 an Lùnasdal 1958. Fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh an siostam agus na bun-nòsan poileataigeach deamocratach na dùthcha, gan stadadh bho 1948, a chur air bhog a-rithist.[2][3]

Gabriel París
Ceann-suidhe Choloimbia

10 dhen Chèitean 1957 - 7 dhen Lùnastal 1958
Gustavo Rojas Pinilla - Alberto Lleras Camargo
Beatha
Breith Ibagué, 8 dhen Mhàrt 1910
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Girardot, 21 dhen Mhàrt 2008
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe)
Foghlam
Foghlam Colaiste Luchd-riaghlaidh is Luchd-obrach Coitcheann Arm nan Stàitean Aonaichte
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Ìre oifigeach coitcheann
Strì Colombian-Peruvian War (en) Translate
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Bhuineadh París Gordillo dhan teaghlach chumhachdail París Ricaurte. Fhuair e a chuid fhoghlam aig an sgoil San Simón ann an Ibagué agus chaidh e dhan Sgoil-Shaighdearachd ann an 1928. Bha e na cheannard na buidhne-chatha Páez fad iomadh bliadhna. Thug e cliù dhàsan fhèin aig a’ Bhlàr Línea Baraya-La Tagua tron Chogadh Choloimbia-Phearu ann an 1933. Phòs e aig María Felisa Quevedo París 28 an t-Sultain 1936: bha iad anns na oghaichean.[4] Rug i ceathrar duine-cloinne dha: Gabriel, Jaime, Gloria agus Ligia.

Aig toiseach toisichidh deachdaireachd an Airm bha e na Mhinistear thall thairis aig na Nàisean Aonaichte ann an Eabhraig Nuadh. An uair sin bha e na Ministear a' Cheartais (9 an Gearran 1954 - 7 an Lùnastal 1954), na Mhinistear a' Chogaidh (7 an Lùnastal 1954 - 10 an Cèitean 1957) agus na Mhinistear nam Mèinnean agus a' Pheatrail. Bhathar airson cuidhteas fhaighinn air Rojas Pinilla agus thaghadh esan bho taobh a-staigh an Airm mar neach-ionlaid an deachdaire.

Bha e nos cionn Bòrd Riaghlaidh an Airm a thug thairis an Riaghaltas bho 10 an Cèitean 1957 gu ruige 7 an Lùnasdal 1958 còmhla ris an Àrd-sheanailear Deogracias Fonseca, an Ceannard-feadhna Rafael Navas Pardo, an Àrd-mharaiche Rubén Piedrahíta Arango agus an Ceannard-feadhna Luis Ernesto Ordóñez Castillo, nuair leig an Leas Seanailear Gustavo Rojas Pinilla a dhreuchd mar Cheann-suidhe na dùthcha. Leig París Gordillo a dhreuchd a dhèoin agus thug e an cumhachd dhan Cheann-suidhe Alberto Lleras Camargo air 7 an Lùnasdal 1958.[5]

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luís Angel Arango
  4. Banrepcultural
  5. Colombia Link

Ceanglaichean a-mach

deasaich

Arm Coloimbianach(Spàinntis)