Deogracias Fonseca
Rugadh Deogracias Fonseca ann an Ibagué 21mh am Màrt 1908 agus chaochail e ann an clachan ris an canar El Salado ann am Florida, (Valle del Cauca) ann an 2006. B’ e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia[1], agus bha e os cionn Riaghaltas na dùthcha mar bhall Bòrd Riaghaltas an Airm bho 10mh an Cèitean 1957 gu ruige 7mh an Lùnasdal 1958. Fhad ‘s a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh an siostam agus na bun-nòsan poileataigeach deamocratach na dùthcha, gan stadadh bho 1948, a chur air bhog a-rithist.[2][3]
Deogracias Fonseca | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Ibagué, 21 dhen Mhàrt 1908 |
Dùthaich | Coloimbia |
Bàs | Cali, 25 dhen Mhàrt 2006 |
Foghlam | |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | saighdear |
Foghlam agus Dreuchdan Eile
deasaichFhuair e a chuid fhoghlam aig an sgoil San Simón ann an Ibagué. Chaidh e dhan Sgoil-Shaighdearachd ann an 1928. b’ e ceannard na buidhnean-chatha a leanas: Junín, Huila agus Camilo Torres, Distrito Militar No 12, Pichincha, Codazzi, Mixto, Juanambú, Boyacá, Santander agus Nariño. Thug e cliù dhàsan fhèin aig a’ Bhlàr Güepí 16mh an Cèitean 1933, far an do deach e leòin, rè a' Chogaidh Coloimbia-Pearu.
A bharrachd air sin bha e na bhall agus na àrd-cheannard oifigearan an treas bhuidhne-chatha, àrd neach-sgrùdaidh na Feachdan Armachd, riochdaire na Feachdan Armachd rè tadhal oifigeil gu Santiago de Chile, riochdaire Choloimbia aig na Fèisean Armachd anns A' Bheiniseala, na cheannard na Poileis Nàiseanta agus na bhall Bòrd Riaghaltas an Airm. Leig esan a dhreuchd a dheòin agus thug e an cumhachd dhan Cheann-suidhe Alberto Lleras Camargo 7mh an Lùnasdal 1958.
Slighe chun a’ Chinneas
deasaichBha e na bhall Bòrd Riaghlaidh an Airm a thug thairis an Riaghaltas 10mh an Cèitean 1957 gu ruige 7mh an Lùnasdal 1958 còmhla ris an Àrd-sheanailear Gabriel París, an Ceannard-feadhna Rafael Navas Pardo, an Àrd-mharaiche Rubén Piedrahíta Arango agus an Ceannard-feadhna Luis Ernesto Ordóñez Castillo, nuair leig an Leas Seanailear Gustavo Rojas Pinilla a dhreuchd mar Cheann-suidhe na dùthcha.
Teaghlach
deasaichPhòs e Ana María Iragorri De Castro 18mh an t-Ògmhios 1936 ann am Popayán far an do rugadh ise fhèin ann an 1919, is ise nighean Carlos Iragorri Castro agus Aida Luz Castro Escorza. Fhuair iad dusan duine chloinne ri chèile: Jesús Enrique, Yolanda Teresa, Alina Socorro, Carlos Alfonso, Marco Aurelio, Nisle Inés, Ana Mireya, Guillermo Alberto, Patricia Helena, Gustavo Adolfo, María Elvira agus Carmen Eugenia Fonseca Iragorri.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaichArm Coloimbianach(Spàinntis)