Seumas IV Alba
Ghairmeadh Rìgh Alba dheth Seumas IV nuair a chaidh athair, Seumas III, a mharbhadh le cuilbheirt às dèidh Bhlàr Allt nan Seileach, 11 an t-Ògmhios 1488. Bha Seumas, mas fhìor, aig ceann nan reubaltach a rinn ar-a-mach an aghaidh athar, ged nach robh e ach na ghille òg san àm. A-riamh bhon uair sin gu latha a bhàis, chaith Seumas IV crios-iarrainn trom mu chneas, mar nàdar de aithreachas.[1]
Seumas IV Alba | |||
---|---|---|---|
11 dhen Ògmhios 1488 - 9 dhen t-Sultain 1513 ← Seumas III Alba - Seumas V Alba → | |||
Beatha | |||
Breith | Abaid Taigh an Ròid, 17 dhen Mhàrt 1473 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Ciad chànan | A' Bheurla Ghallta | ||
Bàs | Northumberland (en) , 9 dhen t-Sultain 1513 | ||
Nàdar a’ bhàis | (killed in action (en) ) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Seumas III Alba | ||
Màthair | Maighread na Danmhairg, Bànrigh na h-Alba | ||
Cèile | Margaret Tudor (en) (8 dhen Lùnastal 1503 (Gregorian) - | ||
Càraid |
Janet Kennedy (en) Margaret Drummond Marion Boyd (en) Isabella Stewart (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Taigh nan Stiùbhartach | ||
Foghlam | |||
Cànain |
A' Bheurla Ghallta Gàidhlig Beurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs, monarc agus uas-fhlath | ||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||
Creideamh | |||
Creideamh |
Eaglais Chaitligeach Caitligeachd | ||
Is fhada bho bha eachdraichean dhen bharail gur h-e a bu chomasaiche dhe na rìghrean Stiùbhartach, agus shoirbhich le Alba fo riaghladh. Stèidhich e oilthigh leighis ann an Obar Dheathain, agus bhrosnaich e malairteachd is na h-ealain; bha e fhèin ionnsaichte is iomadach cànan aige, Gàidhlig nam measg.
Tha cuid a' cumail a-mach gun robh Seumas IV na Rìgh Alba mu dheireadh a bha fileanta sa Ghàidhlig. Tha fios againn gun robh Gàidhlig aige bhon fhianais a dh'fhàgadh le fear Pedro Ayala, an tosgair Spàinnteach - uime sin, 's e Seumas am fear mu dheireadh air a bheil fios le cinnt againn, ged a tha cuid eile ag ràdh gun do bhruidhinn Seumas V i. Ach Gàidhlig ann no às, 's e Seumas IV a chuir às do Thighearnas nan Eilean ann an 1493; bha an tighearnas air fàs ro chumhachdach, chun na h-ìre far an do chuir e an rìgh fhèin gu dùbhlan.
Bha e a' mhiannachadh gum biodh sìth eadar Alba is Sasainn; air an dòigh sin phòs e Mairead Tudor, nighean Eanraig VII, ann an 1503 - thuirte "pòsadh a' chluarain san ròs" ris a' phòsadh seo.
Ach bhris cogadh a-mach a-rithist eadar an dà dhùthaich, agus chaidh Seumas IV a mharbhadh a' sabaid aig ceann airm, latha Blàr Flodden (9 an t-Sultain 1513), batail mòr an ceann a tuath Shasainn an aghaidh nan Sasannach. Bha e mar amas aige cuideachadh a thoirt do na Fraingich, oir bha cogadh ann eadar an Fhraing agus Sasainn aig an àm.[1]
Dh'fhàgadh a mhac Seumas V na rìgh, ged nach robh e ach bliadhna a dh'aois. Dh'fhosgail seo an doras gu amannan glè dhoirbh airson Alba.
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “BBC - Scotland's History - James IV, King of Scots”. BBC. Air a thogail 28mh dhen Chèitean 2018.