Fosgail am prìomh chlàr-taice

B' e Alasdair III (4 an t-Sultain 124119 am Màrt 1286) na Rìgh na h-Alba eadar 1249 is 1286. B' e rìgh làidir a bh' ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sìtheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn – Èideard I – am bana-phrionnsa Mairead, aig Alasdair mar bhean.

Alasdair III na h-Alba
Alexander III and Ollamh Rígh.JPG
monarc na h-Alba

6 dhen Iuchar 1249 - 19 dhen Mhàrt 1286
Alasdair II na h-Alba - Margaret, Maid of Norway
Beatha
Breith Rosbrog, 11 dhen t-Sultain 1241
Dùthaich  Rìoghachd na h-Alba
Bàs Fìobha, 26 dhen Mhàrt 1286
Àite-adhlacaidh Abaid Dhùn Phàrlain
Nàdar a’ bhàis tubaiste (tuiteam far eich)
Teaghlach
Athair Alasdair II na h-Alba
Màthair Marie de Coucy
Cèile Margaret of England  (1251 -  1275)
Yolande of Dreux  (1285 -  1286)
Clann
Fine Taigh Dhùn Chailleann
Dreuchd
Dreuchd monarc
Seirbheis san arm
Strì Wars of Scottish Independence

'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no àite sam bith ann an eachdraidh a bh' ann an Èideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Èirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cùisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair bàsachadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonais mac a leanadh e agus e dà fhichead sa còig bliadhna a dh'aois.

Dh'ionnsaigh e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1262 is shabaid a fheachdan ri feachdan Nirribhidh faisg air an Leargaidh Ghallda ann an 1264. Chaochail Rìgh Nirribhidh, Haakon, ann am Baile na h-Eaglaise sa gheamhradh is dh'aontaich a mhac, Rìgh Magnus, ri Alasdair, anns a' Chùmhnant Pheairt, gun deach na h-Eileanan Siar is Eilean Mhanainn nam pàirtean na h-Alba.[1]

Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande de Dreux.[1] Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air tilleadh bho Caisteal Dhùn Èideann gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathan a bha còmhla ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir nas fheàrr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'fhàg seo Alba gun rìgh agus rinn Èideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.

IomraidheanDeasaich

  1. 1.0 1.1 BBC - Scotland's History - Alexander III, King of Scots”. BBC. Air a thogail 16mh dhen Chèitean 2018.

Aistean co-cheangailteDeasaich