Villeta
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Gualivá
Àirde 850m
Co-chomharran 05° 00' 53' Tuath
74° 28' 29' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 140 km²
Àireamh-shluaigh 24,340 (2005)
Dlùths 173.86/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

‘S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ann Villeta. Tha e suidhichte aig 850m os cionn ìre na mara, 78km air falbh bho Bhogotá. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 26˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1551.

Sluagh a' bhaile

deasaich

Tha 24,340 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 9,566 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala agus mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Villeta, ach tha 2.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 88.1% dhe na daoine ann an Villeta leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig 27.8% dhe na dachannan.[5]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Villeta. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

deasaich

Chaochail Manuel Antonio Sanclemente (18131902) an seo.

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  4. Colombia Virtual
  5. Bileag fhiosrachaidh DANE
  6. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach

deasaich

An t-sìde ann am Villeta