B' e Constantin Guys (Fìor ainm: Ernest Adolphe Hyacinthe Constantin, Vlissingen, 3 an Dùbhlachd 1802 - Paris, 3 am Màrt 1892)[1] saighdear, dealbhadair, peantair agus neach-aithris ainmeil Franco-Òlaindeach.[2]

Constantin Guys
Félix Nadar 1820-1910 Constantin Guys.jpg
Beatha
Breith Vlissingen, 3 dhen Dùbhlachd 1802
Dùthaich  An Fhraing
Bàs Paris, 13 dhen Mhàrt 1892
Teaghlach
Athair Q83375005
Sinnsirean
Foghlam
Cànain Fraingis
Dreuchd
Dreuchd peantair, neach-naidheachd agus neach-tarraing
Obraichean comharraichte In The Street (en) Translate
Seirbheis san arm
Strì Greek War of Independence (en) Translate

Beatha tràthDeasaich

Rugadh Guys ri linn na Poblachd Bhatavia ann am port air a' Chuain a Tuath, leis gur e coimiseanair a' chabhalaich a bh' ann athair. Nuair a bha e dìreach 18 a dh'aois, dh'fhàg e an taigh is chaidh e chun na Grèige na shaighdear[3] is e a' sabaid airson neo-eisimeileachd na dùthcha, còmhla ri Byron.[4] Thill e ann an 1827 ach chaidh e dhan arm a-rithist, an turas seo còmhla ri rèisimeid dhe saighdearan-eich Frangach. Shiubhal e mu thimcheall na Roinn-Eòrpa is Aisia.

Ealain is AithriseanDeasaich

Ann an 1849, nuair a bha e ro aosta airson a bhith na shaighdear, thòisich e a bhith na dhealbhadair, gun treànadh sam bith. Chuir e seachad na bliadhnachan 40 is 50 na 19mh Linn a' dol bho chath gu cath is bho chogadh gu cogadh air feadh na Roinn-Eòrpa is e na dhealbhadair is na fhear-aithris airson na pàipearan-naidheachdan thall san Fhraing is ann an Sasainn, gu seachd-àraidh an Illustrated London News. Fhuair e deagh chliù airson a cuid obrach a rinn e rè Cogadh Chrimea. A bharrachd air sin, dheànadh e aithrisean mu dheidhinn fèis cuideachd, nuair nach robh e thall thairis.

Bho na 60an dhen 19mh Linn, thòisich e ag obair is a' fuireach ann am Paris. Dheànadh e dealbhan dhe na fhaiceadh e air na sràidean.[5] Sgrìobh Charles Baudelaire airtigil mu dheidhinn Ghuy ann an 1860,[6] air an robh Le Peinture de la vie moderne (Gàidhlig: Peantadh na Beatha nar Làithean), ach cha robh Guy airson ainm a nochdadh ann idir.[7] Chaill e a chasan ann an tubaist rathaid ann an 1885 agus chaochail e ann an 1892.

IomraidheanDeasaich

  1. Registre des Arts
  2. RO Gallery
  3. Art History Unstuffed
  4. RO Gallery
  5. Baudelaire and Constantin Guys,J. A. Hiddleston, The Modern Language Review, dreach: 90, Àireamh: 3 (An t-Iuchar, 1995), duilleagan. 603-621
  6. Getty Museum
  7. RO Gallery