'S e baile beag ann am Boyacá a th' ann an Ramiriquí. Tha e suidhichte aig 2,179m os cionn ìre na mara. Chaidh am baile a stèidhicheadh ann an 1541.

Ramiriquí
municipality of Colombia
Cur air cois1541 Deasaich
DùthaichColoimbia Deasaich
Prìomh-bhaile deMárquez Province Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailMárquez Province Deasaich
Domhan-leud is -fhad5°24′3″N 73°20′8″W Deasaich
Cànan obrach no ainmChibchan Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.ramiriqui-boyaca.gov.co/index.shtml Deasaich
Map

Sluagh a' bhaile

deasaich

Ged a tha 10,789 nan tàmh anns a' bhaile, tha a' mhòr-chuid, neo 6,089 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[1] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[2] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ramiriquí (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 0.2% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 84.9% dhe na daoine ann an Ramiriquí leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.2% dhe na dachannan.[3]

Fèisean

deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Ramiriquí. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[4] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine ainmeil

deasaich

Iomraidhean

deasaich
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
  1. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  2. Coloimbia Virtual
  3. Bileag fhiosrachaidh DANE
  4. Country Studies: Colombia