Lua error in Mòideal:Databox at line 107: attempt to index field 'datavalue' (a nil value). Is e dùthaich ann am meadhan na h-Eòrpa a tha anns an t-Seic.[1][2][3][4][5] Tha mòran ainm eadar-dhealaichte aice mar ainm oifigeil:

  • Poblachd na Seice[6][7]
  • Poblachd nan Seacach[8]
  • Poblachd nan Seiceach[9]
  • Poblachd nan Seic[10]
  • A' Phoblachd Sheiceach[11]

Tha crìochan aice 'sa tuath leis a' Phòlainn, san ear leis a' Ghearmailt, 'sa deas leis an Eilbheis agus 'san ear leis an t-Slòbhac agus tha Pràg na phrìomh-bhaile. 'S e Seacais an cànan oifigeil aice, ach thathar a' bruidhinn grunnan cànain eile cuideachd. Cluinnear gu math tric Slòbhacais agus cànan nan daoine dubh-shiùbhlaich. Bho 1 am Faoilleach gus 30 an t-Ògmhios 2009, bha an t-Seic an ceann de Chomhairle Aonaidh Eòrpaich.

Eachdraidh na SeicDeasaich

Bha An t-Seic-Slòbhac (Seicis: Československo; Beurla: Czechoslovakia) neo-eisimeileachd stèidhichte 28mh an Dàmhair 1918 nuair a thuit Impireachd na h-Ostaire ‘s na h-Ungaire às a chèile às dèidh An Cogadh Mòr. Bha Tomáš Garrigue Masaryk na chiad ceann-suidhe.

29mh an t-Sultain, 1938, chuir Neville Chamberlain (A' Bhreatann Mhòr), Édouard Daladier (An Fhraing), Adolf Hitler (A' Ghearmailt) is Benito Mussolini (An Eadailt) An Cùmhnant Munich (Seicis: Mnichovská dohoda; Beurla: Munich Agreement) air bhonn. A rèir An Cùmhnant Munich, fhuair Adolf Hitler sgìrean faisg air na crìochan far a bheil sluagh Ghearmailteach a' fuireach (Sudetenland) bhon t-Seic-Slòbhac.

14mh an Màrt, thòisich A' Ghearmailt ionnsaidh air An t-Seic-Slòbhac. 16mh am Màrt, chaidh Cosantaireachd na Seic is na Moravia a chur air bhonn. Rè fo-ghlacadh Nàsach, bha ainneart cumanta an aghaidh nam buidhnean eadar-dhealaichte, mar Iùdhaich, eaglaisean, neo pàrtaidhean deamocratach. Bha campa-prìosain ann an Lety u Písku airson na Romanaithich. Ann an Terezín (Theresienstadt), stèidhich na Nàsaich an ghetto Iùdhach mòr, is bho Terezín, bha iad a' gluasad nan Iùdhaich dhan campaichean-braighdeanais anns A' Phòlainn. 'S e pàirt den uile-losgadh a bh' ann.

Air 12 am Màrt 1999 ghabh an dùthaich ri NATO.[12]

Bailtean as MothaDeasaich

Daoine AinmeilDeasaich

 
Karel Čapek (18901938), an sgrìobhaiche Seiceach

LitreachasDeasaich

RosgDeasaich


BàrdachdDeasaich

  • Otokar Březina: (1868 - 1929) Bàrd.
  • Jaroslav Seifert: (1901 - 1986) Bàrd.
  • Vladimír Holan: (1905 - 1980) Bàrd.
  • Jan Zahradníček: (1905 - 1960) Bàrd.
  • Jiří Orten (1919 - 1941) Bàrd.
  • Jan Skácel: (1922 - 1989) Bàrd.

CeòlDeasaich

 
Antonín Dvořák (18411904), an ceòl-sgrìobhaiche Seiceach

17mh linnDeasaich

  • Adam Michna z Otradovic: 1600–1676

18mh linnDeasaich

  • František Xaver Brixi: 1732 – 1771
  • Josef Mysliveček: 1737–1781
  • Jakub Jan Ryba: 1765 – 1815

19mh linnDeasaich

20mh linnDeasaich

  • Leoš Janáček: 1854 – 1928
  • Bohuslav Martinů: 1890 – 1959
  • Jiří Šlitr: 1924 – 1969
  • Petr Eben: 1929 – 2007

AiltireachdDeasaich

 
An Taigh Nàiseanta (Národní dům) le Jan Kotěra

Ailtireachd barocachDeasaich

  • Jan Blažej Santini Aichel: 1677 – 1723
  • Kilián Ignác Diezenthofer: 1689 – 1751
  • František Maxmilian Kaňka: 1674 – 1766

Ailtireachd Sheiceach anns an 20mh linnDeasaich

  • František Bílek: 1872 – 1941
  • Josef Gočár: 1880 – 1945
  • Jan Kotěra: 1871 – 1923
  • Adolf Loos: 1870 – 1933
  • Kamil Hilbert: 1869 – 1933
  • Jan Kaplický: 1937 – 2009
  • Eva Jiřičná: 1939
  • Emil Přikryl: 1945
  • Josef Pleskot: 1952
  • David Vávra: 1957

IomraidheanDeasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. Brigh nam Facal, Faclair Ur don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  5. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  6. Am Faclair Beag
  7. Garbhan MacAoidh: Tasgaidh
  8. Dùthchannan aig SMO
  9. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  10. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  11. Garbhan MacAoidh: Tasgaidh
  12. NATO

Ceanglaichean a-machDeasaich

 
Abainn Labe faisg air Děčín
 
An t-Seic
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: