Baile Ùr nan Stiùbhartach
Baile Ùr nan Stiùbhartach | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Penninghame[1] |
Co-chomharran | 54° 58′ 00″ Tuath 04° 28′ 60″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX 414 654 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 3,573[2] (2011) |
Àireamh fòn | 01671 |
Còd-puist | DG8[3] |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Poll an Iùbhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach (Beurla/Beurla Ghallta: Newton Stewart).[4] Tha e suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara,[5] air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Port Aiseig a' Chrìch agus Bàrr a' Ghrianain, ri taobh na h-aibhne Crìch,[6] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha a' chuid as motha dhen bhaile air taobh an iar na h-aibhne. Tha a' mhòr-rathaid A75 a' ceangal a' bhaile leis an t-Sròin Reamhair san iar agus le Dùn Phris san ear.Tha e 285km air falbh bho Obar Dheathain, 102km bho Ghlaschu, 57km bho Dhùn Phris agus 137km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[7] agus àrd-sgoil ann.[8] 'S e Baile Ùr nan Stiùbhartach teis-mheadhan clèireachail sgìre na Machrach.
Eachdraidh
deasaichChaidh am baile a stèidheachadh anns an 17mh linn le William Stewart, am mac as òige dhen 2na Iarla Gall-Ghaidhealaibh. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Bhaile Ùr nan Stiùbhartach.[9] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm The Wicker Man fhilmeadh an seo ann an 1973[10] agus bha am film ri fhaicinn ann an taigh-dhealbh airson a' chiad turas anns a' bhaile fhèin.
Poileataigs
deasaich'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Baile Ùr nan Stiùbhartach, a ghabhas a-steach Muine Gobha, Poll an Iùbhair, Gleann an t-Sruthail, Bàrr a' Ghrianain agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]
Gnàth-shìde
deasaich'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1124mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach .[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 63mm eadar an Giblean (dìreach 63mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.3 °C.
Daoine Ainmeil
deasaichCòmhdhail
deasaichChan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha sia seirbheisean bhus a' frithealadh a' bhaile:
- 359 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Inbhir Gharbhain - Inbhir Àir - Glaschu.
- 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.
- 416 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Whithorn - An t-Sròn Reamhar.
- 420 Baile Ùr nan Stiùbhartach a-mhàin.
- 430 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Clachan Ghlinn Lus - An t-Sròn Reamhar.
- 431 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Taigh an Rathaid.[14]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Arcgis
- ↑ Scotland's Census Result OnLine
- ↑ Post Code Maps
- ↑ “Newton Stewart/Baile Ùr nan Stiùbhartach”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Falling Rain
- ↑ Andrew Symson, A large description of Galloway, 1823, W. and C. Tait, duilleag 94
- ↑ “Penninghame Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ “Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ Old Roads of Scotland
- ↑ Movie Locations
- ↑ A' Chomhairle
- ↑ “Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
- ↑ Climate Data
- ↑ Còmhdhail na Comhairle
Achadh na Meilge • Àrd Bhaile • Baile Gheàrr Lios • Baile na h-Ùige • Baile Ùr Ghlinn Lus • Baile Ùr nan Stiùbhartach • Barrachan • Blaidneach • Càrn Rìoghain • Cille Chainneir • Cill Choluim • Cill Chomhghain • Cill na Tràghad • Clachan Ghlinn Lus • Damnaglaur • An Druim Mòr • Dùn Reichit • Eaglais Steafain • An Eilreig • Ervie • A' Ghlac • Na Lochain • Lios Uillt • Am Magh Crom • Am Monadh Rèidh • Port Neasaig • Port Phàdraig • Port Rosnait • Poll an Iùbhair • Sandhead • Soirbidh • An t-Sròn Reamhar • Whauphill • Whithorn