Baile Ùr nan Stiùbhartach

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Penninghame[1]
Co-chomharran 54° 58′ 00″ Tuath
04° 28′ 60″ Iar
Comharradh-clèithe NX 414 654
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 3,573[2] (2011)
Àireamh fòn 01671
Còd-puist DG8[3]
Duilleag oifigeil Duilleag a' Bhaile

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Poll an Iùbhair, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach (Beurla/Beurla Ghallta: Newton Stewart).[4] Tha e suidhichte aig 42m os cionn ìre na mara,[5] air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Port Aiseig a' Chrìch agus Bàrr a' Ghrianain, ri taobh na h-aibhne Crìch,[6] far a shruthas e gu màthair-uisge na Linne Shalmhaigh aig Bàgh Chrìch. Tha a' chuid as motha dhen bhaile air taobh an iar na h-aibhne. Tha a' mhòr-rathaid A75 a' ceangal a' bhaile leis an t-Sròin Reamhair san iar agus le Dùn Phris san ear.Tha e 285km air falbh bho Obar Dheathain, 102km bho Ghlaschu, 57km bho Dhùn Phris agus 137km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, turasachd agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil[7] agus àrd-sgoil ann.[8] 'S e Baile Ùr nan Stiùbhartach teis-mheadhan clèireachail sgìre na Machrach.

Eachdraidh

deasaich

Chaidh am baile a stèidheachadh anns an 17mh linn le William Stewart, am mac as òige dhen 2na Iarla Gall-Ghaidhealaibh. Ann an 1763 chaidh rathad a chruthachadh leis an arm eadar Port Phàdraig agus Cathair Luail, a dheidheadh tro Bhaile Ùr nan Stiùbhartach.[9] Bhathar ag iarraidh an rathad seo a chleachdadh airson Èirinn a cholonachadh. Chaidh sealladh neo dhà às an fhilm The Wicker Man fhilmeadh an seo ann an 1973[10] agus bha am film ri fhaicinn ann an taigh-dhealbh airson a' chiad turas anns a' bhaile fhèin.

Poileataigs

deasaich

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Gleann a' Chrìch a bhuineas Baile Ùr nan Stiùbhartach, a ghabhas a-steach Muine Gobha, Poll an Iùbhair, Gleann an t-Sruthail, Bàrr a' Ghrianain agus cuid mhòr dhen Phàirc-choille na Gall-Ghàidhealaibh cuideachd. Tha 4,730 duine a' fuireach san sgìre air fad.[11] Tha 21 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla MhicGilleMhaoil, ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.[12]

Gnàth-shìde

deasaich

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.4 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1124mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Baile Ùr nan Stiùbhartach. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach .[13] Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 63mm eadar an Giblean (dìreach 63mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (126mm). Fad na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.3 °C.

 

Daoine Ainmeil

deasaich

Còmhdhail

deasaich

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha sia seirbheisean bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean

deasaich
  1. Arcgis
  2. Scotland's Census Result OnLine
  3. Post Code Maps
  4. Newton Stewart/Baile Ùr nan Stiùbhartach”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  5. Falling Rain
  6. Andrew Symson, A large description of Galloway, 1823, W. and C. Tait, duilleag 94
  7. Penninghame Primary School”. Comhairle Dhùn Phris agus Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  8. Douglas Ewart High School”. Douglas Ewart High School. Air a thogail 17mh dhen t-Sultain 2023.
  9. Old Roads of Scotland
  10. Movie Locations
  11. A' Chomhairle
  12. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  13. Climate Data
  14. Còmhdhail na Comhairle