Manuel Murillo Toro
B’ e neach-poileataigs, ùghdair agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia[1] a bh' ann am Manuel Murillo Toro (Chaparral, 1 am Faoilleach 1816 - Bogotá, 26 an Dùbhlachd 1880) Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras airson a’ Phàrtaidh Libearalaich.[2][3]
Manuel Murillo Toro | |||||
---|---|---|---|---|---|
1 dhen Ghiblean 1872 - 1 dhen Ghiblean 1874 ← Eustorgio Salgar - Santiago Pérez de Manosalbas → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Chaparral, 1 dhen Fhaoilleach 1816 | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 26 dhen Dùbhlachd 1880 | ||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||
Foghlam | |||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-naidheachd, dioplomat, neach-lagha agus sgrìobhadair | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
Beatha
deasaichRugadh Manuel Murillo Toro ann am baile beag ris an canar Chaparral, anns an Tolima, ann an 1816. Chaidh e a chur gu Bogotá airson leigheas ionnsachadh, ach leig esan an cùrsa sin airson an lagh ionnsachadh, agus dh’obair e airson Vicente Azuero agus Lino de Pombo nuair e na oileanach fhathast; thug e ceum ann an 1836.
Thoisich e a chuid obrach am broinn a’ Mhòr-dhàil ann an 1837 agus bha e an siud rè Cogadh nan Àrdanach, (1840 – 1843), na fhear-chuideachaidh dhe corra cheann-feadhna a’ Phàrtaidh Libearalach. Fhuair e àite dhàsan fhèin anns a’ Phàrlamaid ann an 1846, agus nach e deagh òraidiche a bh’ ann, rinn e iomadh òraid gus a chuid bharaillean taobh bheachd-smuaintean agus an slighe air adhart a thoirt gu buill, is easan air a bhith gam brosnachadh anns na meadhanan libearalach bho thoiseach na 1840an. Bha e na Rùnaire (ministear) an Ionmhais anns an Riaghaltas aig José Hilario López (1849 – 1853), far an do bhrosnachadh e saorsa an gnìomhachais agus Lagh Ath-Leasachadh an Àiteachais dhe 1850, leis an t-Sluagh-ghairm Bu chòir dha obair an fhearainn a bhith ri chùlaibh sealbhadaireachd an fhearainn is an lagh sin a’ feuchainn ri smachd laghail a chur air trusadh an fhearainn aig fear neo dithis; chaidh sin neartachadh aig ìre a’ Bhun-Reachd mu dheireadh thall ann an 1936.
Tagraiche
deasaichBha e na thagraiche Ceannas a’ Ghranada Ùire ann an 1857 (an t-ainm a bha air Coloimbia aig an àm) airson bhuidhne am broinn nam Libearalach, agus fhuair e an dàrna àite, ri chùlaibh an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez ach chuir e buaidh air an t-seann cheann-suidhe Tomás Cipriano de Mosquera (Tòraidh o shean ach a-nis tagraiche buidheann eile nam Libearalach).
Ceann-suidhe
deasaichChaidh Stàit Uachdaranachd na Santander a chur air dòigh sa bhliadhna seo fhèin, agus Murillo Toro ga thaghadh do Bharail Riochdairean na Stàite mar a’ chiad cheann-suidhe aige airson teirm bho 16 an Dàmhair 1857 gu ruige 16 dhen Dàmhair 1859. Leig esan a dreuchd sin 10 am Faoilleach 1859 o chionn 's gun d’fhuair e àite anns an t-Seanadh. Ghabh Murillo Toro pàirt anns a’ Cho-chruinneachadh dhe Rionegro ann an 1863. Le sin; fhuair an dùthaich Bun-Reachd ùr agus ainm eile: Stàitean Aonaichte Choloimbia. An ath-bhliadhna rinn Murillo Toro an gnothach ann an taghaidhean a’ chinneas airson teirm dhe dà bhliadhna gu ruige 1866, agus a-rithist airson teirm eile eadar 1872 agus 1874. Stèidhich esan am pàipear fiosrachail an Riaghaltais, an Diario Oficial (Am Pàipear Oifigeil). Cho-dhùin e gur e prìomh amas obair an Riaghaltais Sìth Sòisealta a lorg, tro mheadhan a’ chòmhradh. A bharrachd air sin, chuir e ùrachadh bun-structar na dùthcha air dòigh: mar eisimpleir, thug e an Dealan-spèid a Choloimbia, a dh’aindeoin a chuid ghràin sgafanta an aghaidh eadar-theachd na Stàite anns an Eaconomaidh. Le sin, ‘s e dìreach esan fhèin a chuir air bhog an smaoineachadh poiliteagach, ris an canar Libearalas Raidigeach.
Sgrìobhaidhean
deasaichTaobh a chuid obrach anns na meadhanan agus mar ùghdair, stèidhich e Gaceta Mercantil de Santa Marta, (Pàipear-naidheachd Marsanta dhe Santa Marta) ann an 1847 agus bha e an sàs ann an caochladh pàipearan eile. Chuir a bhàs, aig deireadh 1880, crìoch air a’ bhuaidh a bheireadh na smaointean libearalach-raidigeach air Riaghaltas an nàisein, o chionn 's gun robh làmh an iuchair aig sreath dha riaghaltasan Tòraidh rè faisg air 50 bliadhna. chuimhne air na adhartasan taobh a’ chonaltraidh a rinn e. Chaidh am pàirc ball-coise Manuel Murillo Toro ann an Ibagué, prìomh-bhaile na Tolima, a chur air dòigh mar chuimhne airsan.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaichPàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)