B’ e Manuel María Ramírez Fortoul (Arauca, 5mh an Cèitean 1817 - Bogotá, 3 an Cèitean 1891) fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia,[1] a bha na Cheann-suidhe Choloimbia bho 22mh an Dùbhlachd 1877 gu ruige 24mh an Dùbhlachd 1877 mar neach-ainmichte, fhad ‘s a bha an Ceann-suidhe Aquileo Parra Gómez air dhìth.[2][3]

Manuel María Ramírez Fortoul
Ceann-suidhe Choloimbia

22 dhen Dùbhlachd 1877 - 24 dhen Dùbhlachd 1877
Aquileo Parra Gómez - Aquileo Parra Gómez
Beatha
Breith Arauca (baile), 5 dhen Chèitean 1817
Dùthaich  Coloimbia
Àite-fuirich Bogotá
Bàs Bogotá, 3 dhen Chèitean 1891
Foghlam
Foghlam Colegio Mayor de San Bartolomé (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

‘S e mac an leas còrnailear Antonio María Ramírez agus Dolores Fortoul Jaimes, ogha Pierre Fortoul, duine às an Fhraing a leig an sloinneadh sin ann an Coloimbia, a bh’ann. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig bun-sgoiltean ann am Bogotá agus Cúcuta, agus an uair sin aig an àrd-sgoil roinneil ann an Guanentá agus mu dheireadh thall dh’ionnsaich e lagh aig a’ Cholaiste San Bartolomé.

Toiseach tòisichidh anns a’ phoileataigs

deasaich

‘S e ball Mòr-dhail Bun-Reachdail na Roinne Shantander (1851) agus a’ Mhòr-dhail Nàiseanta (1852 - 1853) a bh’ann. An uair sin bha e na fhear-riaghlaidh aig an Taigh-cìse ann an Cúcuta: chaidh e air ais gus A' Bheiniseala nuair a chrìochnaich an dreuchd sin. Bha e na Bhreitheamh Coitcheann an Nàisein eadar 1 an Lùnasdal 1877 agus 15mh an t-Ògmhios 1878, agus fhad ‘s a bha e an sàs anns an dreuchd sin dh’iarr comhairle an riaghaltais gun tugadh e thairis ceannas na Poblachd air sàilleabh gu robh an dùthaich ann an suidheachadh gu math cugallach, leis nach robh fiù 's fear dhe na luchd-ainmichte (Julián Trujillo, Sergio Camargo agus Pablo Arosemena) anns a’ bhaile. Thug Ramírez an ceannas os làimh agus gu fortanach chaidh an t-òrdugh laghail a cur air bhog a-rithist ann dà latha a-mhàin, agus an uair sin thill an ceann-suidhe Parra air ais chun a’ chinneas.

Deireadh a bheatha

deasaich

Thill e dhan dreuchd mar fhear-riaghlaidh aig an Taigh-cìse ann an Cúcuta agus ann an 1885 chaidh e a dh’ainmeachadh na chonsal Choloimbia ann an Trujillo. Ann an 1890 thill e gu Bogotá far an robh e an sàs anns an dreuchd aige airson greiseag mus do bhàsaich e ann an 1891.

Teaghlach

deasaich

Phòs e Teresa Monreal Roth ann an Trujillo 19mh an Gearran 1844. Fhuair iad dithis duine-chloinne ri chèile: Felipe agus Carlos Ramírez Monreal.

Iomraidhean

deasaich
  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luis Angel Arango

Ceanglaichean a-mach

deasaich