Santos Gutiérrez Prieto
B' e Santos Gutiérrez Prieto (El Cocuy, Boyacá, 24 an Dàmhair 1820 - Bogotá, Cundinamarca, 6 an Gearran 1872) stàitire, saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho 1868 gu 1870. Fhad 's a bha e os cionn an Riaghaltais chaidh am Foghmal Poblach a bhrosnachadh, chaidh na crìochan le Braisil a stèidheachadh agus chaidh a' chiad cumhnant airson a' Chanail eadar an dà chuain tro Chaolas a' Panama a rèiteachadh.[2][3]
Santos Gutiérrez Prieto | |||
---|---|---|---|
1 dhen Ghiblean 1868 - 1 dhen Ghiblean 1870 | |||
Beatha | |||
Breith | El Cocuy, 24 dhen Dàmhair 1820 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Barranquilla, 6 dhen Ghearran 1872 | ||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Central University (en) Université catholique de Louvain (en) | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Nàiseanta Choloimbia | ||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||
Strì |
Cogadh nan Àrdanach Cogadh Catharra Choloimbia | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Adam and Eve (en) | ||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
Beatha
deasaichRugadh e ann an El Cocuy (Boyaca), 24mh an Dàmhair 1820 agus chaochail e ann am Bogotá, 6mh an Gearran 1872. ' S e stàitire agus saighdear a bh' ann, agus b' e fear dhe na laoich radaigeach a dhìon a' Phàrtaidh Libearalach ann an Coloimbia agus na Riaghaltasan aig an Olimpo Radical le spiorad gaisgeach sìobhalta.
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an taigh ann an El Cocuy, agus an uair sin aig an àrd-sgoil Boyacá de Tunja. An dèidh sin dh'ionnsaich e lagh aig an Oilthigh Central, ann am Bogotá.
Chaidh e a chur an greim còmhla ri buidheann dhe na càirdean aige agus ga fhastadh le airm an Riaghaltais, ga chur gu rèisimeid dhe shaighdearan ùra airson a' Chogaidh Sìobhalta, agus le sin bha e an sàs ann an Còmhrag an Tuatha an aghaidh na guerrillas dùbhlanach; 's e saighdear an Riaghaltais a bh' ann.
An dèidh a' bheatha sin fo armaibh rè na 1840an, b' urrainn dha crìoch a chur air a chuid fhoghlaim aig an Oilthigh Central agus thug e ceum anns an Lagh 28mh an t-Samhain 1845. An ceann dà bhliadhna, 1 9mh an Giblean 1847, chaidh e a dh'ainmeachadh Fear Lagh le àrd-chùirt a' cheartais.
Shabaid Santos Gutiérrez an aghaidh an Deachdaire José María Melo ann an 1854. Dh'aontaich e ris na feachdan laghail agus thug e pàirt gu sgafanta anns na cathan aig Tierra Azul (neo Cordonal) agus aig Pamplona, agus an uair sin bha e an sàs anns a' chòmhstri airson Bogotá, is iad a' cur ruaig air na feachdan aig Melo.
Bha e an làthair aig a' Cho-chruinneachaidh ann an Rionegro, far an do deach am Bun-Reachd dhe 1863 a ghabhail ris. Mar sin, bha Stàit fheadarail fon ainm dhe Stàitean Aonaichte Choloimbia a chur air bhog, a mhair gu ruige 1886.
Ceann-suidhe na dùthcha
deasaichDìreach an dèidh sin, chaidh Gutiérrez a dh'ainmeachadh na àrd sheanailear feachdan armachd na Stàitean Aonaichte Coloimbia. Aig deireadh 1863, chaidh e a thaghadh mar Cheann-suidhe na Stàite Bhoyacá, agus an ath bhliadhna, ceann-suidhe na Stàite Chundinamarca cuideachd. Leasaich e na Colaistean dhe San Bartolomé agus Rosario agus stèidhich e an Colaiste Lazareto de Agua de Dios. Thill e chun an t-Seanaidh ann an 1865 agus an uair sin chaidh e air turas dioplòmasach dhan Roinn Eòrpa.
Leig esan Ceannas na Poblachd ann a 1870, nuair a thug an teirm aige gu ceann, agus dh'ainmich am Mòr-dhàil Nàiseanta e na neach-ainmichte ùr. Chaochail e air an oighreachd aige, ris an canadh La Primavera, dlùth air Guaduas (Cundinamarca) an an 1872.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean A-mach
deasaichPàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)