B’ e Leonardo Canal González (6 an t-Samhain 1822–5mh an Cèitean 1894) saighdear agus neach-poileataigs[1] à Coloimbia.

Leonardo Canal González
Ceann-suidhe Choloimbia

18 dhen Iuchar 1862 - 30 dhen Dùbhlachd 1862
Tomás Cipriano de Mosquera - Tomás Cipriano de Mosquera
Beatha
Breith Pamplona, 6 dhen t-Samhain 1822
Dùthaich Co-chaidreachas Ghranada
 Coloimbia
Bàs Bogotá, 5 dhen Chèitean 1894
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Mhagdalena
Oilthigh an Rosario
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd saighdear, neach-lagha, neach-poileataigs agus neach-naidheachd
Creideamh
Creideamh Caitligeachd
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Rugadh e ann am Pamplona air 6mh an t-Samhain dhe 1822. Fhuair e a chuid fhoghlaim ann an Lagh bhon Oilthigh an Rosario ann am Bogotá, is a bharrachd air sin bha e na leas-reachdadair an Oilthigh sin aig aon àm. Chaidh e a dh’ainmeachadh mar Riaghladair air Santander aig àm a’ Chogaidh Sìobhalta leis a’ Cheann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez. Dhìon e an Riaghaltas bhon Shantander, is chuir e ionnsaigh air Tunja, far an do chaill e am Blàr an aghaidh an Riaghladair agus Seanalair Libearalach Santos Gutiérrez Prieto. Thàinig an Cogadh dhan Shantander leis a’ chall sin.

Chaidh Canal González a dh’ainmeachadh mar Ministear an Riaghaltais agus a’ Chogaidh nuair thug Bartolomé Calvo an Riaghaltais os làimhe air 1 an Giblean 1859. Ghairm Canal González gur e esan fhèin a bha os cionn an Riaghaltais mar cheann-suidhe nuair a bha e ann am baile beag ris an canar La Unión (Nariño), dìreach an dèidh gun do chuir na feachdan aig Mosquera an ceann-suidhe an greim air 18mh an t-Iuchar 1861. Dh’ainmich e am baile Pasto prìomh-bhaile poileataigeach na dùthcha air 26mh an t-Iuchar dhen aon bhliadhna. Fhàg Canal González an urra air a’ Cheannas ri Rùnaire Manuel Del Río De Narváez air 6mh an t-Samhain 1862, leis gu robh bacadh bun-reachdail ann taobh a bhith os cionn an Airm is an Riaghaltais aig an aon àm. Thug na feachdan aig Canal gèill 30mh an Dùbhlachd na bliadhna sin agus chaidh còrdadh na Sìthe a dhearbhadh le Riaghaltas reubaltach an t-Seanalair Mosquera air 16mh am Faoilleach. Le sin, b’ fheudar dhà Canal González a dhol na fhògarrach gu Pearu.

‘S e fear dhe na ceannardan na bu fhaicsinnich an ar-a-mach nan Tòraidh dhe 1876 a bh’ann Canal González. Bha e os cionn feachdan a’ chùl-chuideachd ann an 1885. Chaidh e a dh’ainmeachadh ministear an leasachaidh leis a’ Cheann-suidhe Carlos Holguín Mallarino ann an 1890. Chaochail Canal ann an 1894 aig 72 bliadhna a dh’aois.

Iomraidhean

deasaich
  1. Leabharlann Luís Angel Arango
 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: