Chaparral
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
[[Faidhle: |300px]]
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Tolima
Àirde 854m
Co-chomharran 04° 55' Tuath
75° 07' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,124 km²
Àireamh-shluaigh 46,712 (2005)
Dlùths 21.99/km²
Duilleag oifigeil Comhairle Chaparral

‘S e baile beag ann an Tolima, Coloimbia,[1] a th’ann Chaparral. Tha e suidhichte aig 854m os cionn ìre na mara aig astar dhe bho Bhogotá. Tha teodhachd meadhanach dhe 24˚ aige. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1773.

Freumhan an Ainm deasaich

'S e ainm Spàinntis a tha a' ciallachadh Achadh nan Darach a th'ann Chaparral, às an fhacal chaparro (basgais: txaparro).[2] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[3] m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Yopal ann an Casanare.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 46,712 nan tàmh anns a' bhaile, agus 21,374 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-sluaigh uabhasach traidiseanta a th’ann.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Chaparral (is mòran dhuibh mestizos), tha 5.2% dhe Tùsanaich agus tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 81.3% dhe na daoine ann an Chaparral leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 20.3% dhe na dachannan.[6]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chaparral. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil deasaich

José María Melo (18001860): Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1854.

Manuel Murillo Toro (18161880): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1864 agus 1868, agus an uair sin eadar 1872 agus 1874.

Darío Echandía Olaya (18971989): Ceann-suidhe na dùthcha iomadh turas fad na 1940an agus na 1960an.

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Real Academia de la Lengua
  3. Spanish about.com
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Cololmbia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an Chaparral