B’ e fear-malairt, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Alfonso López Pumarejo (Honda, 31 am Faoilleach 1886Lunnainn, 20 an Dàmhair 1959).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras ann am meadhan na 20mh Linn. Phòs e aig María Michelsen Lombana ann an 1911 agus rug i còignear duine-cloinne dha. B’ e boireannaich uabhasach ainmeil a bh’ innte, o chionn 's gur e fear-saidheans gu math cliùiteach a bh' ann a h-athair. Bha am mac, Alfonso López Michelsen, na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1974 agus 1978.

Alfonso López Pumarejo
ambassador of Colombia to the United Kingdom (en) Translate


16. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1942 - 7 dhen Lùnastal 1946
Eduardo Santos - Mariano Ospina Pérez
Beatha
Breith uair, 31 dhen Fhaoilleach 1886
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 20 dhen t-Samhain 1959
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Teaghlach
Athair Pedro A. López
Màthair Rosario Pumarejo
Cèile María Michelsen Lombana (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Sgoil na h-Eaconamachd Lunnainn
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-cùraim lùchairte, eaconamaiche, neach-naidheachd, dioplomat agus neach-poileataigs
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

A bharrachd air an lèisinn nuadh agus na dòighean ùra a dh'ionnsaich nuair a bha e thall thairis, bha taic a fhuair e bho uachdarain beairteach agus ceannardan cumhachdail a' phàrtaidh gu math feumail dha. Chuir e air dòigh gluasad radaigeach a-staigh Pàrtaidh Libearalach Choloimbia air an robh La Revolución en Marcha[2] (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) a bha airson aonaidhean-ciùird a chruthachadh agus talamh a thoirt air falbh bho daoine beairteach. Le sin, bhòtadh na daoine bochda às an dùthaich dha. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho 1934 gu ruige 1938 agus an uair sin bho 1942 gu ruige 1946. Chuir e taic dha Na Stàitean Aonaichte anns an Dàrna Chogadh. B' e esan a thug taic do Julio César Turbay Ayala[3] agus Carlos Lleras Restrepo, a bhiodh nan cinn-suidhe bliadhnaichean an dèidh López Pumarejo.[4] Thug Darío Echandía Olaya àite Phumarejo dà thuras: fad mìos eadar 1943 agus 1944[5] nuair a bha bean Phumarejo tinn agus greiseag eile ann an 1944 nuair a bhathar airson Pumarejo a thoirt fo bhruid.

Iomraidhean

deasaich
  1. Colombia
  2. Partido Liberal Caldas
  3. Julio César Turbay Ayala”. La enciclopedia de Banrepcultural. Banco de la República, Colombia. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. Oilthigh Indiana
  5. Darío Echandía”. La enciclopedia de Banrepcultural. Banco de la República, Colombia. Air a thogail 12mh dhen Fhaoilleach 2019.