Sgrìobhadair
'S e duine a tha cleachdadh faclan sgrìobhte airson conaltraidh agus ealaine a tha ann an sgrìobhadair.
Seòrsaichean
deasaichTha mòran sgrìobhadairean a' buntainn do dh'iomadh seòrsa.
- Tha bàird, m.e. Meg Bateman no Màiri Mhòr nan Òran a' sgrìobhadh bàrdachd. Gu h-eachdraidheil bha iad cuideachd nan sgrìobhaichean-òran
- Tha nobhailichean, mar eisimpleir Walter Scott no Alasdair Gray, a' sgrìobhadh nobhailean.
- Tha sgrìn-sgrìobhaichean a' sgrìobhadh sgriobtaichean airson nam film no na telebhisein.
- Tha fèin-bheatha-eachdraiche mar Dòmhnall Meek a' sgrìobhadh beatha-aisneisean.
- Tha sgrìobhaichean-dràma, m.e. Liz Lochhead neo Alasdair Caimbeul a' sgrìobhadh dealbh-chluiche.
- Tha eadar-theangairean a' toirt teacsaichean ann an aon cànan agus gan ath-sgrìobhadh ann an cànan eile. Dh'eadar-theangaich Walter Scott, mar eisimpleir, teacsaichean o Ghearmailtis do Bheurla. Tha Rody Gorman a' dèan eadar-theangaichean glè chruthachail.
- Tha aistearan, m.e. Michel de Montaigne no William Hazlitt, a' sgrìobhadh aistean.