Rafael Reyes
'S e ceann-suidhe Choloimbia[1] agus riochdaire dioplòmasach a bh'ann José Gregorio Ambrosio Rafael Reyes Prieto (Santa Rosa de Viterbo ann am Boyacá 5mh Dùbhlachd 1849 - Bogotá 18mh Gearran 1921)[2][3]. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dìreach an dèidh Cogadh na Mìle Làithean bho 7mh Lùnasdal 1904 gu 27mh Iùl 1910[4]. 'S e Toraidh a bh'ann.[5]
Rafael Reyes | |||
---|---|---|---|
| |||
Beatha | |||
Breith | Santa Rosa de Viterbo, 5 dhen Dùbhlachd 1849 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Bogotá, 18 dhen Ghearran 1921 | ||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||
Foghlam | |||
Cànain | Spàinntis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs agus dioplomat | ||
Obraichean comharraichte | Q124833486 | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm Nàiseanta Choloimbia | ||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||
Creideamh | |||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Beatha
deasaichRinn Rafael Reyes, còmhla ri an dithis bhràthar aige, taisgleadh air an abhainn Ica (neo Putumayo an latha an-diugh)[6] ann an ceann a deas na dùthcha. Sruthaidh am Putumayo dhan abhainn Amazonas agus mu dheiredh thall gu Braisil[7]. Lorg iad àiteachan làn rubair agus cairt-gheal (quinine), dà lus troipgeach gu math inntinneach taobh às-mhalairte aig an àm ud sin. Chaochail an dithis bhràthar an siud: fear dhe tinneasan na coilltean, agus mharbh na Tùsanaich am fear eile. 'S e fìor churaidh a bh'ann cuideachd, agus ghabh e pàirt anns na cogaidhean sìobhalta ann an 1885 agus 1895: thug e cliù dhàsan fhèin, is chuir e às gu cruaidh fuilteach ar-a-mach ann an Cauca. Ann an 1889 chuir e às ar-a-mach ann am Panama, a bha pàirt na dùthcha fhathast. An dèidh a bith na sheanalair bha e na mhinistear an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) le dleastanas airson malairt fo cheann-suidhe Rafael Nuñez Moledo. Bha e thall thairis rè Cogadh na Mìle Làithean mar Tosgair ann am Paris, rud a chuidich e a bhith na cheann-suidhe an a dhèidh.
Beatha ann am Poileataigs
deasaichAnn an 1904 fhuair e an Ceann-shuidheas le taic bhon a' phàrtaigh Tòraidh (Los Conservadores), agus an dùthaich ann am fìor dhroch staing an dèidh Panama a chall. Thuirt esan aig toiseach toisichidh an teirm aige:
“...Tha a h-uile dòchas againn gun do ràinig sinn àite as ìsle an dragh ma-thà, agus gum bi àm a thoiseachadh dhuinn airson a bhith a dh'èirich suas dhan bheartas agus dhan mhòrachd...”[8]
Cha robh sin cho furasda a dheànamh. Aig an toiseach, bha e airson aonadh nàiseanta a bhrosnachadh, tro leasachadh na dùthcha agus malairt. Cha b'urrainn dha sin a dheànamh idir, leis cho làidir 's a bha na dùbhlanaich. Le sin, dh'atharraich e a chuid phoilasaidhean gu tur, agus an ceann greiseag, bha dìreach na dheachdaire[9]. Fhuair e cuidhteas air a' phàrlamaid tro èigheachd, is na buill pàrlamaid dhan phrìosan. Chuir e Ministrealachd an Ionmhais agus Ministrealachd na Cìsean ri chèile, gus airgead a shàbhlachadh agus lorg e iasdan eadar-nàiseanta gus an dùthaich a leasachadh. A bharrachd air sin, chruthaich e banca agus feachdan armachd nàiseanta agus ath-stèidhich e càirdeas dioplomasach leis A' Bheiniseala[10].
Sgaoil e am teirm aige gu ruige 1919 tro èigheachd eile, ach cha do mhair ann an dreuchd aige na bu fhaide na 1909, air sàilleabh ùpraidean agus aimhreit air feadh na dùthcha, gu h-àraidh aig na oilthighean. Bha e air fheuchdainn ainm a chur ri aontaidhean poiliteagach còmhla ri na Stàitean Aonaichte agus Panama, mu dheidhinn neo-eisimealachd an t-seann Roinne sin. Leig esan an dreuchd agus chaidh e thall thairis na fhògarrach poiliteagach anns an t-Og-mhìos 1919. Thill e air ais dhachaigh ann an 1920, agus dh'eug e le galar-clèibh ann an 1921.[11]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Oifis a' Chinn-suidhe
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ Presidents of the Americas, Georgetown University
- ↑ http://www.britannica.com/EBchecked/topic/500747/Rafael-Reyes Encyclopedia Britannica
- ↑ Oifis a' Chinn-suidhe,
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Grandes Oradores Colombianos: Rafael Reyes, Antonio Cruz Cárdenas
- ↑ Reyes Dictator of Colombia, New York Times, 20th September 1905
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Oifis a' Chinn-suidhe
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)