B’ e Miguel Abadía Méndez (Piedras, Tolima, 5 an t-Ògmhios 1867 - La Unión - Fómeque, Cundinamarca, 15 an Cèitean 1947) fear-lagha, daonnaire, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig a’ Cholaiste Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario ann am Bogotá. Bha e na cheann-suidhe na Poblachd, [1][2] reachdadair, bha e air a bhith os cionn seachd ministrealachdan, na Chomhairliche na Stàite agus na Bhreitheamh aig Àrd-chùirt A’ Cheartais. Mar Mhinistear an Riaghaltais (ministear na dùthcha agus a’ cheartais an latha an-diugh) stiùir esan an ath-leasachadh bun-reachdail dhe 1910 air a’ Bhun-Reachd dhe 1886. Riochdaich e an dùthaich ann an t-Sile, An Argantain agus Braisil[3].

Miguel Abadía Méndez
Ministear na Dùthcha agus a' Cheartais


Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1926 - 7 dhen Lùnastal 1930
Pedro Nel Ospina Vásquez - Enrique Olaya Herrera
Beatha
Breith Coello (en) Translate, 5 dhen Iuchar 1867
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 9 dhen Chèitean 1947
Àite-adhlacaidh Central Cemetery of Bogotá (en) Translate
Teaghlach
Cèile Leonor de Velasco Álvarez (en) Translate
Foghlam
Foghlam Oilthigh an Rosario
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, sgrìobhadair, neach-lagha agus dioplomat
Ballrachd Colombian Academy of History (en) Translate
Creideamh
Creideamh Caitligeach na Ròimhe
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Nuair a thug e a làmh air Ceannas na Poblachd airson an teirm eadar 1926 agus 1930 (bha esan an aon tagraiche a bh’ann agus fhuair e 370,611 bhòtaichean airson am Pàrtaidh Tòraidh)[4] rèitich e na crìochan mhara còmhla ri Niocaragua a’ cumail innis-mhuir San Andrés, Providencia agus Santa Catalina fo uachdaranas Choloimbia ach a’ toirt Costa de Mosquitos do Niocaragua; bhrosnaich e na h-obraichean poblach, am foghlam agus na miseanan chreidimh dha na Tùsanaich; Bha iomadh trioblaid poileataigeach, eaconamach agus sòisealta gu math doirbh roimhe, mar staing an eaconamaidh dhe 1929 agus Mort nam Bananeras ann an 1928[5], air brìgh na poileasaidhean aige ri piseach a dheànamh ann am fiachan eadar-nàiseanta na dùthcha, dhol an aghaidh toiseach tòisichidh na sòisealachd agus còmhstri anns an àiteachas a rèiteachadh le ceannsal: a bharrachd air buaidh phrìsean ìosal a’chofaidh air an dùthaich. Fhad ’s a bha e na cheann-suidhe steidhich e Co-nasgadh Nàiseanta Tuathanaich Cofaidh Choloimbia.

Mar eisimpleir dhe gràdh-dùthcha agus an dèidh 42 bliadhna na smachd Tòraidh, thug e an cumhachd seachad dhan ath cheann-suidhe agus a cho-chòmhragaiche poileataigeach Enrique Olaya Herrera ann an 1930.

Ministearan deasaich

  • Rùnaire na Stàite: Jorge Velez (1926-1928)/Enrique Arrazola (1928-1929)/Gabriel Rodríguez Diago (1929-1930)/Alejandro Cabal Pombo (1930)
  • Ministear nan Dùthchanan Cèin: Marco Fidel Suárez (1926-1927)/Carlos Uribe (1927-1930)/Francisco Samper Madrid (1930)
  • Ministear an Ionmhais: Juan Antonio Gómez Recuerdo (1926-1927)/Salvador Franco (1927)/Esteban Jaramillo (1927-1929)/Francisco de Paula Pérez (1929-1930)/Eduardo Vallejo (1930)
  • Ministear an Dìona: Ignacio Rengifo B (1926-1929)/Alejandro Cabal Pombo (1929)/José Joaquín Villamizar (1929-1930)/Agustín Morales Olaya (1930)
  • Ministear an Àiteachais agus Leasachaidh Dùthchail: Salvador Franco (1926-1928)/José Antonio Montalvo (1928-1930)
  • Ministear a' Mhalairt, a' Gnìomhachais agus Turasachd: Salvador Franco (1926-1927)/José Antonio Montalvo (1927-1930)/Francisco José Chaux (1930)
  • Ministear an Fhoghlaim: José Jesús García (1926)/Silvino Rodríguez (1926-1927)/José Vicente Huertas (1927-1930)/Elíseo Arango (1930)
  • Ministear a' Chòmhdhail: Mariano Ospina Pérez (1926-1927)/Salvador Franco (1927-1928)/Sotero Peñuela (1928-1929)/Arturo Hernández (1929)/Rafael Escallon (1929-1930)/German Uribe Hoyos (1930)

Iomraidhean deasaich

  1. Presidencia de Colombia
  2. Leabharlann Luís Angel Arango
  3. Dùthchannan aig SMO
  4. Eachdraidh Choloimbia 1926-1930
  5. Eachdraidh Choloimbia 1926-1930