'S e cuideigin a tha ag obair leis na naidheachdan 's a th'ann a neach-aithris. Bithear an sàs mar as àbhaist ann am pàipearan-naidheachd, air an rèidio agus air an telebhisean.[1] 'S e craoladair a chanas ri neach-aithris an telebhisein. An latha an-diugh bidh Luchd-aithris cuideachd ag obair air an Eadar-lìon. Is e obair an neach-naidheachd gu mòr gu bhith a' cruinneachadh fiosrachaidh agus an uairsin a' sgrìobhadh artaigilean no a' foillseachadh aithisgean (sgrìobhte, claisneachd, dealbh no bhidio), gu bhith a' bruidhinn ri fiosan bho bhuidhnean naidheachd agus sgrìobhainnean companaidh, gu bhith a' dèanamh agallamhan le eòlaichean no fianaisean, ris a bheil e/i a' gealltainn dìon stòran fiosrachaidh luchd-naidheachd. Bidh sinn a' cleachdadh an teirm neach-aithris nuair a bhios e/i a' siubhal san raon no colbh nuair a tha na h-artaigilean aige speisealaichte ann an raon sònraichte agus eadhon riatanach airson cuid dhiubh: litreachas, dràma, filmichean, ceòl, ealain, biadh. Nuair a bhios an neach-naidheachd a' dèanamh rannsachaidhean fada agus domhainn air cuspairean duilich, tha e/i na neach-naidheachd rannsachail. 'S e dreuchd gu ìre cunnartach ann an corra dhùthaich is riaghaltasan agus daoine ag obair às leth na stàite a chur luchd-aithris an greim no fiù's gu bàs.[2]

Neach-aithris

Luchd-aithris Ainmeil

deasaich

Ceanglaichean a-muigh

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Les Mythes professionnels des journalistes, Jacques Le Bohec, L'Harmattan, 2000
  2. CPJ