Bartolomé Calvo
B' e neach-poileataigs, clò-bhuailtear, fear-lagha, neach-aithris, riochdaire dioplòmasach agus Ceann-suidhe Choloimbia bho 1 an Giblean 1861 gu ruige 18mh an t-Ògmhios an aon bhliadhna[1] a bha ann am Bartolomé Calvo Díaz de Lamadrid (Cartagena de Indias, 24 an Lùnasdal 1815–Quito, Eacuador 20mh am Faoilleach 1889) . Bha an teirm aige annasach o chionn 's gu robh cogadh sìobhalta ann agus oir nach robh e ga thaghadh gu deamocratach.
Bartolomé Calvo | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Cartagena de Indias, 24 dhen Lùnastal 1815 |
Dùthaich | Coloimbia |
Bàs | Quito, 2 dhen Fhaoilleach 1889 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh a' Mhagdalena |
Cànain | Spàinntis |
Dreuchd | |
Dreuchd | neach-naidheachd, dioplomat, neach-lagha agus neach-poileataigs |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Beatha ron a’ Cheannas
deasaichNuair a bha e na neach-aithris dh’obair e ann an caochladh phàipearan-naidheachd agus meadhanan eile mar "La Civilización", agus "La República". ‘S e riochdaire "Diario del Istmo" ann am Panama a bh' ann. Fhuair e dreuchdan anns a’ bheatha poblach an siud, mar ball pàrlamaid, riaghladair agus Rùnaire na Stàit Phanama. Ann uair sin, bha e na thagraiche gu Riaghaltas na Roinne Bolívar. Mu dheireadh thall chaidh e a thaghadh na Mhorair Tagraiche na Nàisein, agus bho an siud thug e a làmh air ceannas na Poblachd.
Ceann-suidhe na Poblachd
deasaichShuidhe e anns a’ chathair mar Mhorair Tagraiche ann an 1859, aig àm Riaghaltas companach a’ phàrtaidh aige Mariano Ospina Rodríguez. Bha an ceannas falamh oir nach b’ urrainn dha na taghaidhean a dhearbhachadh 31mh am Màrt 1861, leis gu robh an dithis neach-ainmichte air dhìth. Mar sin, shuidhe Calvo anns a’ chathair mar cheann-suidhe 1 an Giblean 1861.
Bha coltas anabarrach aig a theirm goirid dhe trì mìosan gu leth air sgàth gu robh cogadh sìobhalta ann, agus chuir na Feachdan Libearalach ruaig air a’ Cho-chaidreachas Ghranada. Thug an Seanailear Tomás Cipriano de Mosquera sealbh air a’ bhaile.
Beatha an dèidh a’ cheannais
deasaichAn dèidh a bhith na Mhorair Tagraiche na Stàite, dh’fhàilnich e a dh’fhuirich os cionn an Riaghaltais, agus chaidh e a chur an greim còmhla ris na bràithrean aig Mariano Ospina Rodríguez. Theich e às a phrìosan ann am Bocachica agus ràinig e Eileanan a’ Chairibianach, far an robh e na chlò-bhuailtear is na fhear-lagha.
Thill e dhan dhùthaich anns na 1870an agus bha e na thagraiche a’ chinneas anns na taghaidhean dhe 1876. Cha d’fhuair e ach dà bhòt, bho na stàitean Tòraidh dhe Tolima agus Antioquia. Bhuannaich Aquileo Parra Gómez an taghadh.
Chaidh e do Ghuayaquil an uair sin, far an robh e os cionn chompanaidh naidheachd. Mu dheireadh thall dh’ainmich Rafael Núñez tosgair sònraichte y ministear làn-ùghdarach gu Eacuador e, dreuchd a rinneadh e gus a bhàs, 20mh am Faoilleach 1889[2].
Dìleab
deasaichTha an Leabharlann Bartolomé Calvo anns a' bhaile aige fhèin, Cartagena de Indias.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ Liosta cinn-suidhe na dùthcha
- ↑ Leabharlann Luis Angel Arango
- ↑ “Centro cultural de Cartagena”. La Red Cultural del Banco de la República. Air a thogail 20mh dhen Fhaoilleach 2019.
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)