‘S e co-chruinneachadh bun-reachdail nàiseanta ann an Coloimbia a bh’ann Co-chruinneachadh dhe Rionegro. Thoisich e ann an Rionegro, Antioquia, Coloimbia 3 an Gearran 1863.[1][2]

Bun-reachd ùr Rionegro

Chuir an Co-chruinneachadh dhe Rionegro crìoch gus a’ Cho-chaidreachas Ghranada, nuair a chaidh Bun-Reachd ùr na nàisein 8 an Cèitean 1863 a chur air dòigh. Chaidh ainm na dùthcha atharrachadh gu Stàitean Aonaichte Choloimbia (a mhair gu ruige 1884). A bharrachd air sin, rèitich an Co-chruinneachadh sin dleastanasan agus comasan ùra dha Stàitean na dùthcha agus dha cinn-suidhe na stàitean.

Bha eagal air na Libearalaich gum biodh cus cumhachd aig Tomás Cipriano de Mosquera, ceann-suidhe na dùthcha, agus le sin bha iad airson bun-reachd ùr a chur air bhog airson bhacaidhean a chur gu dreuchd a’ chinn-suidhe agus airson draghan poiliteagach a sheachnadh, mar a fhuair iad leis na Tòraidhean. Dhìon na Libearalaich raidigeach riaghaltas feadarail a bheireadh fèin-riaghladh dha na roinnean agus na sgìrean, gun Arm Nàiseanta, far gum biodh còirichean bunaiteach agus saorsa aig a h-uile duine, is a h-uile càil stèidhichte anns an fhoghlam agus air a’ mhargaidh fhosgailte, gun riasladh na h-Eaglaise anns an Riaghaltas.

Iomraidhean

deasaich
  1. Colombialink
  2. Orienteteve