B’ e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Tomás José Ramón del Carmen Herrera y Pérez Dávila (Panamá, 21 an Dùbhlachd 1804Bogotá, 5 an Dùbhlachd 1854).[1] Bha e na cheann-suidhe Coloimbia Mòire eadar an Giblean agus an Dùbhlachd 1854, gus a chaochail e, agus na cheann-suidhe Stàit a' Chaolais[2] roimhe sin, eadar 18 an t-Samhain 1840 agus 31 an Dùbhlachd 1841. Buineadh Herrera do theaghlach Uachdaran à Panamá, a bha na roinn ann an Coloimbia gu ruige 1902. Chaidh e dhan Arm ann an 1821 agus bha e an lùib iomairtean ann am Pearu agus Junín còmhla ri feachdan na Neo-Eisimeileachd agus dh’fhàs e a bhith na oifigear. Bha e an sàs ann an comhstri phoileataigeach ann an 1828 agus chaidh e dha phrìosan. An dèidh sin shabaid e ann am Panamá ann an 1830 (airson José Hilario López an aghaidh Rafael Urdaneta) agus ann an Cauca ann an 1840.[3] Phòs e aig ann am Panamá ann an 1845[4] agus rug i sianar duine-cloinne dha.[5] Mu dheireadh thall chaidh Herrera a mharbhadh ann am batal faisg air Bogotá an aghaigh José María Melo.

Tomás Herrera
Beatha
Breith Panama, 21 dhen Dùbhlachd 1804
Dùthaich Poblachd Ghranada Ùire
Bàs Bogotá, 1 dhen Dùbhlachd 1854
Nàdar a’ bhàis  (killed in action (en) Translate)
Teaghlach
Athair Juan Herrera y Torres
Foghlam
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Seirbheis san arm
Ìre oifigeach coitcheann
Strì Cogadh nan Àrdanach
Cogadh catharra Choloimbia, 1854
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

Iomraidhean

deasaich
  1. Banrepcultural
  2. La Estrella de Panamá
  3. Uninorte[dead link]
  4. Banrepcultural
  5. Geni