B’ e Luis Mariano Ospina Pérez innleadair agus neach-poileataigs à Coloimbia.[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1946 agus 1950.[2] Rugadh e ann am Medellín, Antioquia, Coloimbia, 24mh an t-Samhain 1891 agus dh’ eug e ann Bogotá 14mh an Giblean 1976.[3]

Mariano Ospina Pérez
17. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1946 - 7 dhen Lùnastal 1950
Alfonso López Pumarejo - Laureano Gómez Castro
Beatha
Breith Medellín, 24 dhen t-Samhain 1891
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 14 dhen Ghiblean 1976
Teaghlach
Athair Tulio Ospina
Cèile Bertha Hernández
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam National University of Colombia at Medellín (en) Translate
Louisiana State University (en) Translate
Oilthigh Antioquia
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, einnseanair mèinnearachd agus einnseanair-thogalach
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Creideamh Eaglais Chaitligeach
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Teaghlach agus Foghlam deasaich

‘S e mac Tulio Ospina Vásquez agus Ana Rosa Pérez Puerta a bh’ann, is mar sin ‘s e ball fear dhe na teaghlaichean na bu chudromaiche ann an Saoghal a’ Phoileataigs aig ìre nàiseanta bh’ann co-dhiù: bha dithis sheann cheann-suidhe na dùthcha anns an teaghlach sin, a sheanair Mariano Ospina Rodríguez agus bràthair-athar Pedro Nel Ospina Vásquez. Phòs e Bertha Hernández de Ospina, a bha a measg na chiad mnathan a fhuair àite anns an t-Seanaidh.

Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an Sgoil San Ignacio de Loyola ann am Medellín, is an uair sin aig Colaiste na Mèinnean dhe Antioquia, far an tug e ceum mar innleadair na mèinnean ann an 1914; rinn e turas fad dà bhliadhna agus fhuair e oideachas a bharrachd thall thairis anns an Louisiana, Lunnainn agus Paris, far an do rinn e cùrsa neo dhà mu dheidhinn gnothaichean an siùcair, Eaconomachd, an caidreamh tionnsgalach, siostaman co-oibreachaidh, gnothaichean na mèinnean agus na rèilichean.

Beatha anns a’ Phoileataigs deasaich

An dèidh a thill e dhan dùthaich ann an 1914 thoisich e conaltraidhean a dh’ fighe le ceannardan a’ Phàrtaidh Tòraidh agus sheas e aig an taghadh gu Comhairle Mhedellín, far an robh e mar bhall eadar 1915 agus 1917. Chaidh e a thaghadh na bhall pàrlamaid airson Antioquia sa bhliadhna sin, agus an ceann dà bhliadhna chaidh e ainmeachadh mar Àrd-Riaghladair Rèile na h-Antioquia, is b’ urrainn dhàsan na sgilean riaghlach aige a dh’ fhoillseachadh leis an dreuchd sin. Thill e gu Còmhdhail na h-Antioquia ann an 1921, agus nuair a chaochail athair sa bhliadhna sin fhèin, lean e mar Reachdadair Colaiste na Mèinnean.

Nochd Ospina Pérez air an àrd-ùrlair poileataigeach nàiseanta mar sheanadair ann an 1922, am bliadhna nuair a chaidh a bhràthair athar, Pedro Nel Ospina, a thaghadh mar cheann-suidhe na dùthcha. Ged nach e deagh òraidiche a bh’ann air adhbharan meidigeach (cha b’ urrain dhà a ghuth a thogail a-riamh), fhuair e cliù is onair eadar a chuid companaich leis cho foghlaimte a bha e taobh eaconamaidh agus gnìomhachas an nàisein. An dèidh teirm na sheanadair, chaidh Ospina a dh’ ainmeachadh Ministear na h-Obrach Poblach leis a’ cheann-suidhe Miguel Abadía Méndez, ach cha do mhair e ach ochd mìosan san dreuchd sin (1926-1927).

Bha e os cionn Caidreachas Nàiseanta Tuathanaich a’ Chofaidh (Spàinntis: Federación Nacional de Cafeteros) eadar 1930 agus 1934, agus le sin dh’fhàs e a bhith "Fear Tuathanaich a’ chofaidh" ann an Coloimbia, is bha e an sàs anns an gnothach sin cha mhòr deichead, mar ball a’ ghnìomhachais agus seanadair.

Ceannas deasaich

A dh’aindeoin gu robh Laureano Gómez Castro air a bhith strì a dhèanamh an aghaidh Ospina am broinn a’ Phàrtaidh aca son a bhith os a chionn, chaidh e a mholadh mar thagraiche a’ chinneas ann an 1946, oir b’ fheudar dha na Tòraidhean brath a ghabhail air na sgaraidhean am broinn a’ Phàrtaidh Libearalach, (eadar Jorge Eliecer Gaitán agus Gabriel Turbay) agus dh’fhaodadh gun cuireadh tagrachas an Tòraidh raidigeach Gómez, an dithis ri chèile. Mar sin, trì seachdainean ro na taghaidhean, chaidh e a dh’ainmeachadh tagraiche a’ Phàrtaidh Tòraidh, is rinn e an cùis air na nàmhaidean Libearalach aige (ach le 40% na bhòtaichean a-mhàin).

Caibineit deasaich

  • Ministear an Riaghaltais: Luís Ignácio Andrade
  • Ministear na Dùthchannan Cèin: Evaristo Sourdís
  • Ministear a’ Cheartais: Pedro Manuel Arenas
  • Ministear an Ionmhais agus a’ Chreideis Phoblaich: Hernán Jaramillo Ocampo
  • Ministear a’ Chogaidh, Roberto Urdaneta Arbelaez
  • Ministear an Àiteachais agus na Bà: Juan Guillermo Restrepo Jaramillo
  • Ministear a’ Chosnaidh: Victor G. Ricardo
  • Ministear na Slàinte: Jorge E. Cavelier
  • Ministear a’ Mhalairt agus a’ Ghnìomhachais: César Tulio Delgado
  • Ministear na Mèinnean agus a’ Pheatrail: José Elías del Hierro
  • Ministear an Fhoghlaim Nàiseanta: Manuel Mosquera Garcés
  • Ministear a’ Phuist agus an Telegraf: An t-Seanailear Gustavo Rojas Pinilla
  • Ministear na h-Obrach Poblach: Víctor Archila Briceño

Thoisich an còmhstri sìobhalta ris an canar An t-Ainneart (Spàinntis: La Violencia) nuair a bha e os cionn an Riaghaltais, air sàilleabh gu robh na Tòraidhean, le taic bhon an Riaghaltas fhèin, a’ sgiùrsadh na Mìleantaich Libearalach. Thoir sin, agus cur gu bàs Gaitán air 9mh an Giblean 1948, Am Bogotazo gu buil, a chruthaich fìor dhroch ùpraid air feadh na dùthcha. B’ fheudar dha Ospina Riaghaltas an Aonaidh Nàiseanta a chur air dòigh, a dh’fhàilnich an ceann greiseag. Rinn na Libearalaich dubh-chàineadh air Ospina, is dh’fheuch an fheadhainn dhuibh anns a’ phàrlamaid ri cùis-lagha poileataigeach a dhèanamh na aghaidh anns a’ Chòmhdhail. Nuair a fhuair a-mach Ospina, cho-dhùin e an Còmhdhail a dhùnadh (1949) agus chuir e poileasaidhean aintighearnail air bhog a dh’fhosgail deichead dhe deachdaireachd sìobhalta agus armachd ann an Coloimbia. Thill Riaghaltas sìobhalta ann an 1958 air sàilleabh Còrdaidhean na Buidhne Nàiseanta, is cha robh Ospina fhèin an aghaidh a’ cheum sin.

Chaidh Gómez fhèin a thaghadh mar fhear-ionaid Ospina ann an 1949 leis gu robh an t-ainneart a’ dol bho neart gu neart air feadh na dùthcha. An ceann greiseag dh’fhàs an dithis a bhith nan nàimhdean poileataigeach garg, rud a chuthach droch sgaraidhean am broinn Pàrtaidh nan Tòraidh ann an Coloimbia.

Tachartasan an dèidh an Riaghaltais deasaich

Dh’fhàs Ospina a bhith na cheannard geug mheadhanach nan Tòraidh agus mar sin bha e gu tur an aghaidh an uachdranachd chruaidh dhe Laureano Gómez: bha e fiù’s an sàs ann an gnothach 1953 a chuir Gustavo Rojas Pinilla, an t-seann Ministear a’ Phuist agus an Telegraf aige, os cionn an Riaghaltais. Ach an ceann dà bhliadhna, bha e soilleir nach robh an rèim aig Rojas cho adhartach co-dhiù agus leis gu robh an Riaghaltas sin a’ dol an aghaidh na beachdan agus na com-pàirtean aige, agus thug Ospina a chuid thaic air falbh dhà. An dèidh phàirt a ghabhail ann an stèidheachadh na Buidhne Nàiseanta (Spàinntis: Frente Nacional), chaidh Ospina a mholadh mar thagraiche a’ chinneas a-rithist ann an 1962 agus 1974, ach do rinn e an gnothach; ‘S e an t-seann cheann-suidhe Misael Pastrana Borrero a dh’fhàs a bhith am fear-ionaid aige mar cheannard nan Tòraidh meadhanach mu dheireadh thall.

Ceanglaichean a-mach deasaich

Sgoil San Ignacio de Loloya

Iomraidhean deasaich

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luís Angel Arango