Carlos Lemos Simmonds
B’ e Carlos Apolinar Lemos Simmonds (Popayán, 23 an Dàmhair 1933 — Bogotá, 30 an t-Iuchar 2003) fear-lagha, neach-poileataigs, ùghdar, riochdaire dioplòmasach agus neach-aithris à Coloimbia, a bha na leas cheann-suidhe na dùthcha nuair a leig Humberto de la Calle an dreuchd aige agus an uair sin na cheann-suidhe na dùthcha fad dà latha deug ann an 1998, nuair a bha Ernesto Samper às an làthair, o chionn 's gur robh e gu math tinn.[1][2]
Carlos Lemos Simmonds | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
19 dhen t-Sultain 1996 - 7 dhen Lùnastal 1998 ← Humberto De la Calle (en) - Gustavo Bell (en) →
12 dhen Fhaoilleach 1998 - 24 dhen Fhaoilleach 1998 ← Ernesto Samper - Ernesto Samper → | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Popayán, 23 dhen Dàmhair 1933 | ||||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||||
Bàs | Bogotá, 30 dhen Iuchar 2003 | ||||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse an sgamhain) | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam | Oilthigh a' Chauca | ||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-naidheachd, dioplomat, neach-poileataigs agus neach-lagha | ||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia |
Beatha Pearsanta
deasaichRugadh e ann am baile Popayán air an 23 latha dhen Dàmhair 1933, is e dotair agus riochdaire dioplòmasach a bh’ann athair, Antonio José Lemos Guzmán. Bha athair na reachdadair aig an Oilthigh a' Chauca agus na thosgair anns an t-Sile. ‘S e María ("Maruja") Simmonds a bh’ann a mhàthair, agus chaochail ise nuair a bha i òg, ga leigeil na thàcharan.
Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an sgoil Champagnat ann am Popayán. Ann uair sin rinn e na deuchainnean àrd-ìre aig an Oilthigh na Cauca, far an tug e ceum ann an lagh mu dheireadh thall.[3]
Phòs e Maria Victoria Pérez, is fhuair iad ceathrar duine chloinne còmhla fad 25 bliadhna dhe pòsadh. A dh’aindeoin sin, ‘ s e an dàrna tè a bh’aige, Martha Blanco, anns an robh e trom ann an gaol co-dhiù.[4] Choinnich e nuair a bha iad an sàs anns an iris Consigna i.
Beatha ann am Poileataigs
deasaichAn dèidh a chuid fhoghlaim fhaighinn, fhuair e dreuchd mar Bhreitheamh a’ bhaile ann am Piéndamo, ann an Cauca. An uair sin chaidh e gu Bogotá, far an toiseach e ann an poileataigs mar chomhairliche a’ phrìomh-bhaile, aig toiseach na 1970an, far an d’fhuair e trì teirmean agus le sin b’ urrainn dha àite anns a’ phàrlamaid fhaighinn. Bha Lemos na Rùnaire Coitcheann Ceannas na Poblachd anns an Riaghaltas aig Julio César Turbay Ayala, agus an uair sin na Mhinistear na Dùthchannan Cèin, na Ministear a’ Conaltraidh, na Ministear an Riaghaltais agus na Ministear a’ Cheartais.[5]
Chaidh e a dh’ainmeachadh mar Thosgair na dùthcha dha na OEA, anns an Ostair, ann am Breatainn, Seanadair, leas cheann-suidhe agus, mu dheireadh thall, ceann-suidhe na dùthcha fhèin. B’ fheudar dhàsan an ceannas a ghabhail os làimhe fad naoi latha nuair a bha Ernesto Samper os cionn an Riaghaltais. Bha Lemos air àite an leas cheann-suidhe ro làimhe fhaighinn, Humberto de la Calle, o chionn 's gun do leig esan an dreuchd agus oir bha Samper fhèin cho tinn gum b’ fheudar dha an ceannas a leigeil gu sealach.
Rinn e iomadh rud airson na dùthcha. Mar bhall Coimisean Comhairleachaidh na Dùthchannan Cèin chuidich e leis ann iomairt an aghaidh Niocaragua a bha a’ tagradh na h-eileanan Coloimbianach San Andrés y Providencia. Bha e an sàs anns an rèiteachadh a chruthaich còrdadh na Sìthe leis a’ Buidhne Guerrilla M-19 ann an 1990. Bha e na ball a’ Co-chruinneachaidh Bhun-reachdail Nàiseanta a sgrìobh Bun-Reachd ùr ann an 1991.
Ceann-suidhe eadar-amail na dùthcha
deasaichAn dèidh do Lemos a bhith na cheann-suidhe eadar-amail, is nach mhair e ach naoi latha anns an dreuchd, fhuair an deagh pheinsean ceann-suidheil aige dubh chàineadh anns na meadhanan aig ìre nàiseanta o chionn 's cho goirid a bha an t-àm aige san dreuchd. Bhuail an càineadh sin bròg air Lemos agus mar a mhìnich e anns na còmhraidhean a rinn e leis na meadhanan an dèidh an ceannas a leigeil. Dhìonadh esan fhèin is e ag ràdh nach do dh’fhàs e beartach idir agus gur e dìreach aideachadh airson beatha fada ann an seirbheis na dùthcha a bh’ann am peinsean aige. Cho-dhùin Lemos urram ceannard na stàite a dhiùltadh an dèidh a bhàis, o chionn 's nach do lùghdaich na càinidhean sin idir.
Bàs
deasaichBhàsaich e anns an Ospadail El Country ann am Bogotá air an 29mh latha dhen Iuchar 2003 le aillse, aig seachdad bliadhna a dh’aois. Mar a dh’iarr esan fhèin, chaidh an duslach aige a chaoineadh ann an dòigh stuama dìreach anns an leabharlann a chruinnich e anns an taigh aige fhèin ann an ceann a tuath Bhogotá, is cha chuireadh urraman mar cheannard na stàite air.
Obair sgrìobhaidh
deasaichA bharrachd air iomadh bliadhna ann an seirbheis na dùthcha, bha Lemos cuideachd an sàs ann an ag obair mar fhear-aithris, ùghdar agus seanachaidh. Sgrìobhadh e rè tòrr bhliadhna anns a’ phàipear-naidheachd El Espacio, far an robh colbh aige air an robh "Entre la Romana y el Pasaje" (Eadar a’ Bhana-ròmanach agus sealladh na dùthcha) is dh’fhàs e a bhith na leas dheasaiche a’ phàipeir. Mu dheireadh thall stiùireadh e an iris Consigna, a stèidhich Jorge Mario Eastman.
Sgrìobh e mòran leabhraichean ainmeil mu cheistean aithriseach mar “Memorias de un antigobierno” (Cuimhneachadh air ana-Riaghaltas), “El Estado Ladrón” (An Stàit na mhèirleach), “El Rescate de la moral” (A’ Sàbhaladh na Moraltachd), "Turbay, de la Base a la Cumbre" (Turbay, bho thoiseach gus an àrd-choinneamh) agus "Santander". Bha colbh dhe bheachdan aige anns a’ phàipear-naidheachd El Tiempo, agus dh’fhoillsich e artaigilean anns an iris Revista Diners. A tuilleadh air sin, steidhich e am pàipear-naidheachd "Diario Liberal".
Programan air an telebhisean
deasaichBha e os cionn prògraman aithriseach air an telebhisean mar “Mesa de Café” (Bòrd a’ Chofaidh), “Debates Caracol” (Deasbadan Telebhisean Caracol) agus “Fuerza de la Historia” (Cumhachd an Eachdraidh).
‘ S e leughadair do-shàrachaidh a bh’ann, agus bha e uabhasach foghlaimte anns gach uile dòigh. A bharrachd air sin, sgrìobhadh e a-riamh ann an stoidhle brìghmhor taobh a’ chànain agus mhìneachadh e a chuid bheachdan le soilleireachd.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
- Colombia.com (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)