'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Coloimbia [1][2], no Colombia[3], agus 's e Bogotá am prìomh-bhaile aice. Tha crìochan aice leis a' Bheiniseala agus le Braisil 'san ear, Pearù agus Eacuador gu deas, Panama gu siar agus am Muir Caraibeach gu tuath. Tha an dùthaich air ainmeachadh airson Christopher Columbus a lorg an t-Saoghal Ùr. Chaidh Coloimbia a stèidheachadh ann an 1810 an dèidh dhà briseadh air falbh bho Ìmpireachd an Spàinn agus 's e Spàinntis an cànan oifigeil aice.

Poblachd Choloimbia (República de Colombia)
Flag of Colombia.svg
Bratach
Coat of arms of Colombia.svg
Gearradh-arm
LocationColombia.svg
Laoidh Nàiseanta
Oh, Gloria Inmarcesible! (Spàinntis)
"Obh Glòir gun Chrìoch"
Sluagh-ghairm nàiseanta
"Libertad y Orden" (Spàinntis)
"Saorsa agus Òrdugh"
Cànan(an) oifigeil Spàinntis
Prìomh-bhaile Bogotá 10.000.000 hab
Baile as motha Bogotá
Riaghaltas Poblachd
Ceann-suidhe Juan Manuel Santos Calderón
Iar-cheann-suidhe Angelino Garzón
Ceann-suidhe na ciùird Nancy Gutiérrez
Ceann-suidhe na h-àrd-chùirte César Valencia
Stèidheachadh
Neo-eisimeileachd
bhon Spàinn
20mh, an Iuchar 1810
Aithnichte 7mh, an Lùnasdal 1819
Farsaingeachd
Iomlan 1,141,748 km² (26mh)
Uisge 8.8 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 45,965,000 (29mh)
Dlùths 40/km² (161mh)
LTD/CCC (29mh)
gach pearsa $10,565 (81mh)
Roinn tìde (UTC-5)
Ruith-airgid Peso coloimbianach
Prìomh àrainn-lìn .co
Còd Àireamh fòn 57

CrìochanDeasaich

Tha crìochan aig Coloimbia le còig dùthaich: A' Bheiniseala (2,219 km), Braisil (1,645 km), Eacuador (586 km), Panama (266 km) agus Pearù (1,626 km). A bharrachd air sin, tha oirthir air Muir a' Charaibeach (1,600 km) agus air a' Chuan Sèimh (1,300 km) aig an dùthaich. Le sin, tha cuairt-thomhas dhe 9,242 km aig Coloimbia.[4]

EachdraidhDeasaich

Ro àm a' cheannsachaidhDeasaich

Bha mòran bhuidhne dhe tùsanaich nan tàmh air an fhearann far a bheil Coloimbia an latha an-diugh. Tha na Tùsanaich ann fhathast ann an corra sgìre, ach tha an àireamh-shluaigh aca air thuiteam gu mòr bhon àm a thàinig na Spàinntich. 'S e òr-cheàrdaichean agus tuathanaich a bh' annta. Bha treudan dhe daoine Arawak, Muisca agus Carib nan tàmh air feadh na dùthcha. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Coloimbia MhòrDeasaich

Nuair a bhuannaich Coloimbia a chuid neo-eisimeileachd bhon Spàinn, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha i an latha an-diugh, leis gu robh a' Phoblachd ùr ga stèidheachadh air an seann roinn Nueva Granada na h-ìompaireachd Spàinnteach. Bhrist an dùthaich a-mach a chèile mus do bhàsaich Simón Bolívar fhèin is na uachdarain ann an Caracas agus ann an Quito a' cur poblachdan ùra air bhog. Chaill Coloimbia Roinn a' Chaolais (El departamento del Istmo) ris an canar Panama an latha an-diugh. 'S e Coloimbia Mhòr (La Gran Colombia) an t-ainm a th' oirre. Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1851.[5]

Cogadh na Mìle LàitheanDeasaich

Bha cogadh sìobhalta cruaidh fuilteach ann eadar 1899 agus 1903 ris an canar Cogadh na Mìle Làithean. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais, Poblachd Panama an latha an-diugh, agus an Canal cudromach cuideachd. An dèidh a' chogaidh bha an dùthaich ann am fìor dhroch staing, fo cheann-suidhe Rafael Reyes, a bha mar dheachdaire. Chaill esan an dreuchd aige oir bha e airson ainm a chur gu aontaidhean le Panama agus leis na Stàitean Aonaichte.

An t-AinneartDeasaich

An dèidh an ùpraid a dh'adhbharaich murt Jorge Eliecer Gaitán ann an 1948, thuit an dùthaich ann an cogadh sìobhalta neo-fhoirmeil eadar an dà phàrtaidh mòr. Bha prìs eadar-nàiseanta a' chofaidh air a thuiteam gu mòr, agus bhris sin suidheachadh poileataigeach na dùthcha. 'S e An t-Ainneart (La Violencia) an t-ainm a tha air a' chòmhstri ud. Chuir an t-arm an dùthaich fo smachd an deachdair Rojas Pinilla, is bu ghann a bha sìth agus òrdugh.

Cogadh na GuerillasDeasaich

Thoisich cogadh na Guerrillas an dèidh an Ainneirt, anns na sgìrean dùthchasail a bha fo bhuaidh an ainneirt, mar dhòigh iadsan a dhìon. Bha iomadh bhuidheann dhe guerrillas ann, feadhainn dhuibh a' dol fhathast. Cha robh Riaghaltas na Poblachd an làthair ann an gach uile sgìre is àite leis cho mòr 's a tha an dùthaich is le sin, fhuair na guerrillas làmh an uachdair air mòran sgìre, ach cha b' urrainn dhuibh cuidhteas fhaighinn bho Riaghaltas na dùthcha. Le sin, thar na deicheadan, bha na bailtean mòra fo smachd an Riaghaltais, leis na guerrillas air an dùthaich is iad a' sabaid an aghaidh feachdan prìobhaideach na h-uachdarain. Ann an 2016, mu dheireadh thall, chuir na FARC agus Juan Manuel Santos Calderón - ceann-suidhe na dùthcha - ainmean gu còrdadh na Sìthe agus bhuannaich Santos Calderón Duais Nobel airson Sìthe air a shon-sa.

Thoisich Diadhaireachd an t-saoraidh ann am Medellín ann an 1968, air sàilleabh gum cumadh co-labhairt na h-eaglaise an siud ann an co-theacsa ùr is bochdainn is ainneart a' sìor fhàs.

Bailtean-mòraDeasaich

'S e Bogotá, Cali, Medellín, Cartagena de Indias, agus Barranquilla na bailtean as motha ann an Coloimbia. Thòisich imrich mhòr a-steach dha na bailtean aig àm an Ainneirt airson obair fhaighinn agus iomadh dhuibh nam fògarraich. Tha a' mhòr-chuid a-nis nan tàmh anns na bailtean

Roinnean na DùthchaDeasaich

Clioc air an roinn air a’ mhapa shìos an seo gus an t-artaigil a leughadh.

La Guajira (Roinn)Magdalena (Roinn)Atlántico (Roinn)Cesar (Roinn)Bolívar (Roinn)Norte de Santander (Roinn)Sucre (Roinn)Córdoba (Roinn)Santander (Roinn)Antioquia (Roinn)Boyacá (Roinn)Arauca (Roinn)Chocó (Roinn)Caldas (Roinn)Cundinamarca (Roinn)Casanare (Roinn)Vichada (Roinn)Valle del Cauca (Roinn)Tolima (Roinn)Meta (Roinn)Huila (Roinn)Guainía (Roinn)Guaviare (Roinn)Cauca (Roinn)Vaupés (Roinn)Nariño (Roinn)Caquetá (Roinn)Putumayo (Roinn)Amazonas (Roinn)Risaralda (Roinn)Risaralda (Roinn)Quindío (Roinn)Quindío (Roinn)BogotáBogotáSan Andrés y Providencia (Roinn) 
About this image
 Roinn Prìomh-bhaile
1   Amazonas Leticia
2   Antioquia Medellín
3   Arauca Arauca
4   Atlántico Barranquilla
5   Bolívar Cartagena de Indias
6   Boyacá Tunja
7   Caldas Manizales
8   Caquetá Florencia
9   Casanare   Yopal
10   Cauca Popayán
11   Cesar Valledupar
12   Chocó Quibdó
13   Córdoba Montería
14   Cundinamarca Bogotá
15   Guainía Inírida
16   Guaviare San José del Guaviare
17   Huila Neiva
 Roinn Prìomh-bhaile
18   La Guajira Riohacha
19   Magdalena Santa Marta
20   Meta Villavicencio
21   Nariño Pasto
22   Norte de Santander Cúcuta
23   Putumayo Mocoa
24   Quindío Armenia
25   Risaralda Pereira
26   San Andrés y Providencia San Andrés
27   Santander Bucaramanga
28   Sucre Sincelejo
29   Tolima Ibagué
30   Valle del Cauca Cali
31   Vaupés Mitú
32   Vichada Puerto Carreño
33   Distrito Capital Bogotá

Na MeadhananDeasaich

Pàipearan-naidheachdDeasaich

Tha iomadh phàipear-naidheachd gam foillseachadh gu làitheil agus gu seachdaineil ann an Coloimbia. 'S e gnothach roinneil neo sgìreil a th' ann a' mhòr-chuid dhuibh air sgàth gu nochdadh na pàipearan-naidheachd airson aon bhaile mòr neo aon roinn neo aon cheàrn a fhrithealadh, oir cha robh ach margaidh nàiseanta ann o shean, leis gu robh tionndadh ghnìomhachasail na dùthcha fa-leth roinneil. Leughadh luchd-malairt ann am Medellín El Colombiano, gun sgeul air El Tiempo, bho Bhogota. A bharrachd air sin, chuireadh gach uile pàipear-naidheachd làn taic seadh dhan na Libearalaich, seadh dha na Tòraidhean. Seo liosta na pàipearan-naidheachd as cudromaiche ann an Coloimbia:

 
El Espectador, bho Bhogotá

RèidioDeasaich

Thoisich a' chiad sheirbheis rèidio ann an Coloimbia ann an 1929, ged a thòisich a' Chompanaidh Marconi an teicneolas a chur air dòigh ann an 1923. 'S e HJN an t-ainm a bha air an t-seirbheis is 's e ceann-suidhe na dùthcha Miguel Abadía Méndez a fhosgail i. Dà bhliadhna as a dhèidh thòisich HKF, a' chiad sheirbheis marsantach, ann an 1931. Bhàsaich an seinneadair Tango Argantaineach Carlos Gardel ann an tubaist plèana ann am Medellín ann an 1935 agus le sin rugadh Radio Perdiodismo (Aithrisean naidheachd ràdio). Chaidh na stèiseanan nàiseanta RCN, Caracol agus Todelar a chur air bhog ann an 1945. Tha mòran stèisein rèidio ann an latha an-diugh.[6] Seo liosta na stèiseanan rèidio as cudromaiche ann an Coloimbia:

TelebhiseanDeasaich

Thòisich a' chiad sheirbheis thelebhisean ann an Coloimbia ann an 1954[7], fon Dheachdair Gustavo Rojas Pinilla. Fhuair esan deagh fhoghlaim mu dheidhinn cho cudromach 's a bha an telebhisean fhad 's a bha e a' fuireach anns A' Ghearmailt aig àm Adolf Hitler. 'S e teicneolas Gearmailteach agus Aimeireaganach a chleachd iad aig toiseach tòiseachaidh an t-seirbheis, is chaidh na sianalan a stèidheachadh air na stèiseanan rèidio a bh' ann mar-thà. Thòisich Teletigre, a' chiad sheirbheis prìobhaideach a chraoladh ann am Bogotá ann an 1966. Thàinig telebhisean dathach dhan dùthaich ann an 1979. Chaidh seirbheisean roinneil a chuir air dòigh rè na 1980an. Chaidh siostam dhe telebhisean didseatach a thaghadh ann an 2008. Seo liosta na sianalan telebhisean as cudromaiche:

GallaraidhDeasaich

Ceanglaichean a-machDeasaich

IomraidheanDeasaich

  1. Am Faclair Beag
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  3. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  4. Fronteras de Colombia”. Sociedad Geográfica de Colombia. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
  5. UNICEF
  6. Pareja, Reynaldo: Historia de la Radio en Colombia, 1929-1980, Servicio Colombiano de Comunicación Social, Bogotá, 1984
  7. Historia de la Televisión en Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: