Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a bha ann an Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear (Beurla: Linlithgow and Falkirk East).
Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
A' chiad taghadh | 2005 |
An taghadh mu dheireadh | 2019 |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 on Eaglais Bhreac an Ear is Gleann Iucha, seann sgìre Phàrlamaid far an robh Tam Dalyell na BhP.
Bha Gleann Iucha fhèin, Tòrr Fhèichin, Bathgate, Inbhir Ghrainnse agus Bo'ness anns na sgìre seo. Bha i ann an crìch ris An Eaglais Bhreac, Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear, An t-Àrd-Ruigh agus Shotts, Baile Lèibhinn agus Dùn Èideann an Iar. Chaidh an sgìre a roinn eadar Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse agus Bathgate agus Gleann Iucha airson an taghaidh choitchinn ann an 2024.[1]
Buill Pàrlamaid
deasaich- Martyn Day (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2024)[2]
- Michael Connarty (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2005–2015)
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Linlithgow & Falkirk East parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
Buill Pàrlamaid Westminster 2019–2024