Glaschu Meadhain (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Glaschu Meadhain (Beurla: Glasgow Central).
Glaschu Meadhain | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Alison Thewliss BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 69,230 |
Mòr-chuid | 6,474[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o phàirtean de Ghlaschu Pollaig, Ghlaschu Baile a' Ghobhainn, Ghlaschu Ceilbhinn, Ghlaschu Baile Nighean Sheadna agus Ghlaschu an Ruadh-Ghleann.
Tha meadhan a' bhaile Glaschu, stèisean Sràid na Banrighinn, stèisean Glaschu Mheadhain, Bellahouston, Poll Mac Dè, an Taigh-Tasgaidh Kelvingrove agus Na Gorbals anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Glaschu a Deas, Glaschu an Iar-Thuath, Glaschu a Tuath, Glaschu an Ear-Thuath, Glaschu an Ear, An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar agus Glaschu an Iar-Dheas.
Buill Pàrlamaid
deasaich- Alison Thewliss (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–)[1]
- Anas Sarwar (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2010–2015)
- Mohammad Sarwar (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2005–2010)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Glasgow Central parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 18mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
Buill Pàrlamaid Westminster