Cair Chaladain agus Cowdenbeath (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Cair Chaladain agus Cowdenbeath (Beurla: Kirkcaldy and Cowdenbeath). Dh'ainmicheadh i air Cair Chaladain agus Cowdenbeath, bailtean ann am Fìobha.
Cair Chaladain agus Cowdenbeath | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Neale Hanvey BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Alba |
Luchd-bhòtaidh | 72,853 |
Àireamh-bhòtaidh | 47,025 |
Mòr-chuid | 1,243[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 bhon sgìre Cair Chaladain agus pàirtean de Dhùn Phàrlain an Ear. Bha Gordon Brown na BhP airson Dùn Phàrlain an Ear ro 2005.
Tha An t-Eilean Loisgte, Bàgh Dhealgadaidh, Cailtidh, Loch Geallaidh, Lann Fhìonain agus Dìseart cuideachd anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar, Gleann Rathais agus Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas.
Connspaid
deasaichAnn an 2019, chaidh an tagraiche SNP, Neale Hanvey, a chur à rèim rè ùine is am pàrtaidh a' rannsachadh rudan a sgrìobh e air Facebook is iad a' cleachdadh tròpaichean gràin an aghaidh Iùdhach. Bha e na shuidh mar bhall pàrlamaid neo-eisimeileach[3] ach an dèidh dha a thilleadh gu SNP chaidh e agus Coinneach MacAsgaill sa' Phàrtaidh Alba anns a' Mhàirt 2021.[4]
Buill Pàrlamaid
deasaichTaghadh | Ball | Pàrtaidh | Mòr-chuid | Àireamh-bhòtaidh |
---|---|---|---|---|
2019 | Neale Hanvey | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ro 2021, Pàrtaidh Alba | 1243 | 47025 |
2017[1] | Lesley Laird | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | 259 | 46283 |
2015[5] | Roger Mullin | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 9974 | 52892 |
2010 | Gordon Brown | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | ||
2005 | Gordon Brown | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba |
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Kirkcaldy & Cowdenbeath” (Beurla). BBC. Air a thogail 20mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ fifedirect: Sgìrean Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte (Beurla)
- ↑ “Buaidh dha na Nàiseantaich na h-Alba”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 20mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 6mh dhen Chèitean 2021.
- ↑ “Kirkcaldy & Cowdenbeath”. BBC. Air a thogail 15mh dhen Ògmhios 2017.