Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige (Beurla: East Kilbride, Strathaven and Lesmahagow).
Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige | |
---|---|
![]() | |
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Lisa Cameron BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 81,224 |
Mòr-chuid | 13,322[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Cille Bhrìghde an Ear agus pàirtean de Dhail Chluaidh agus chùm na Làbaraich gu ruige 2015 i nuair a bhuannaich Lisa Cameron an t-seat airson nan Nàiseantach. Dh'fhàg i ann an 2023 am pàrtaidh agus chaidh i sa' Phàrtaidh Tòraidheach.[2]
Tha Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige anns an sgìre seo.[3] Tha i ann an crìch ris An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar, Lannraig agus Hamilton an Ear, Siorrachd Dhùn Phrìs, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh, Cille Mhearnaig agus Lùghdan, Siorrachd Rinn Friù an Ear agus Glaschu a Deas.
Buill Pàrlamaid
deasaich- Lisa Cameron (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba gu 2023 agus Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba an dèidh sin) (2015–)[1]
- Michael McCann (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2010–2015)
- Adam Ingram (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2005–2010)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “East Kilbride, Strathaven & Lesmahagow parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 15mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Carrell, Severin, Brooks, Libby: “Humza Yousaf urges Lisa Cameron to resign as MP after Tory defection”, The Guardian. 12mh dhen Dàmhair 2023. Air a thogail 12mh dhen Dàmhair 2023.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
Buill Pàrlamaid Westminster