An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha anns an Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar (Beurla: Rutherglen and Hamilton West).
An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar | |
---|---|
![]() | |
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Margaret Ferrier BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 80,918 |
Mòr-chuid | 5,230[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Ghlaschu an Ruadh-Ghleann agus pàirtean de Hamilton a Deas.
Tha An Ruadh-Ghleann, Blantaidhr, Camas Lang agus pàirtean de Hamilton anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Lannraig agus Hamilton an Ear, Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige, Glaschu a Deas, Glaschu Meadhain, Glaschu an Ear, Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear agus Tobar na Màthar agus Wishaw.
Buill Pàrlamaid deasaich
- Margaret Ferrier (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ron Dàmhair 2020 agus an-sin neo-eisimeileach[3]) (2019–)[1]
- Ged Killen (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2017–2019)[1]
- Margaret Ferrier (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[1]
- Tom Greatrex (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2010–2015)
- Tommy McAvoy (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba is Pàrtaidh Co-obrachail) (2005–2010)
Iomraidhean deasaich
- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 “Rutherglen & Hamilton West”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
- ↑ Brooks, Libby: “MP Margaret Ferrier faces calls to resign for flouting Covid rules”, The Guardian. 2na dhen Dàmhair 2020. Air a thogail 2na dhen Dàmhair 2020.
Buill Pàrlamaid Westminster