Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse
'S e sgìre phàrlamaid ann an Taigh nan Cumantan a tha ann an Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse (Beurla: Alloa and Grangemouth).
Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Brian Leishman BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 70,680 |
Mòr-chuid | 6,122 |
A' chiad taghadh | 2024 |
Chaidh a chruthachadh airson an taghadh coitcheann ann an 2024 is pàirt den sgìre deas air Abhainn Foirthe anns an Eaglais Bhreac agus a' phàirt tuath air an Abhainn Foirthe ann an Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas. Tha Alamhagh agus Inbhir Ghrainnse fhèin anns an sgìre seo, còmhla ri Carran, Clach Mhanainn, Tulach Bòide agus Tulach Cultraidh.[1]
Bha i na sgìre phàrlamaid targaid de Phàrtaidh Alba is cumail ionad-ola Inbhir Ghrainnse fosgailte na pàirt a mhanifesto[2] agus Coinneach MacAsgaill, tagraiche as ainmeile a' phàrtaidh, anns an sgìre seo. Fhuair e 638 bhòtaichean, 8mh àite, agus chaill e an t-eàrlas aige. Bhuannaich Brian Leishman an seat airson nan Làbarach agus John Nicolson airson nan Nàiseantach anns an dàrna àite.[3]
Toraidhean
deasaichTaghadh | BP | Pàrtaidh |
---|---|---|
2024 | Brian Leishman | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba |
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Manifestothan eile”, Naidheachdan a' BhBC. 26mh dhen Ògmhios 2024. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Alloa and Grangemouth - General Election results 2024”, BBC News. Air a thogail 6mh dhen Iuchar 2024.