Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann am Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas (Beurla: Ochil and South Perthshire).
Ochail agus Siorrachd Pheairt a Deas | |
---|---|
![]() | |
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | John Nicolson BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 78,776 |
Mòr-chuid | 4,498[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Chomhairle Chlach Mhanainn agus phàirt a tuath de Chomhairle Pheairt agus Cheann Rois.
Tha Craoibh, Uachdar Àrdair, Drochaid Èireann, Ceann Rois, Loch Lìobhann, Tulach Cultraidh agus Allamhagh anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Fìobh an Ear-Thuath, Gleann Rathais, Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar, Cair Chaladain agus Cowdenbeath, Sruighlea agus Peairt agus Siorrachd Pheairt a Tuaith.
Buill Pàrlamaid
deasaich- John Nicolson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2019–)[1]
- Luke Graham (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba) (2017–2019)[1]
- Tasmina Ahmed-Sheikh (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[1]
- Gordon Banks (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2005–2015)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 “Ochil & South Perthshire parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
Buill Pàrlamaid Westminster