Lodainn an Ear (sgìre Phàrlamaid Westminster)

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Lodainn an Ear (Beurla: East Lothian ro 2024, Lothian Eastern an dèidh sin).

Lodainn an Ear
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Coinneach MacAsgaill BP
Pàrtaidh Pàrtaidh Alba
Luchd-bhòtaidh 81,600
Àireamh-bhòtaidh 58,513
Mòr-chuid 3,886

Chaidh a cruthachadh ann an 1983 o phàirt a tuath de Bhearaig agus Lodainn an Ear.

Chaidh na crìochan atharrachadh ann an 2005 agus bu ionann crìochan na sgìre agus crìochan a' Chomhairle ro 2024. Bha a h-uile baile, mar Bhearaig a Tuath, Dùn Bàrr agus Baile Adainn, ann an siorrachd traidiseanta Lodainn an Ear agus cuideachd Baile nam Feusgan anns an sgìre seo.[1]

Ro 2024 bha i ann an crìch ri Dùn Èideann an Ear, Lodainn Mheadhanach, agus Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig.

An dèidh sin bha i ann an crìch ri Lodainn Mheadhanach agus Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig is ris an sgìre ùr Dùn Èideann an Ear agus Baile nam Feusgan.[2]

Poileataigs

deasaich

Bhuannaich Coinneach MacAsgaill an t-seat airson an SNP ann an 2019 ach chaidh e sam Pàrtaidh Alba ann an 2021.[3]

Ann an 2024 thuirt Mgr MacAsgaill gun seas e airson Alamhagh agus Inbhir Grainnse airson Pàrtaidh Alba agus Seòras Kerevan airson Lodainn an Ear airson an aon phàrtaidh.[4]

Liosta nam Ball Pàrlamaid

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Mapa aig Coimisean Crìochan na h-Alba (pdf)
  2. Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 6mh dhen Ògmhios 2024.
  3. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2021. Air a thogail 4mh dhen Chèitean 2021. 
  4. Ritchie, Cameron: “Kenny MacAskill and George Kerevan confirm General Election plans”, East Lothian Courier. 18mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 6mh dhen Ògmhios 2024. 
  5. 5.0 5.1 5.2 East Lothian parliamentary constituency”, BBC News. 13mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 13mh dhen Dùbhlachd 2019.