Lodainn Mheadhanach (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Lodainn Mheadhanach (Beurla: Midlothian).
Lodainn Mheadhanach | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Kirsty McNeill BP[1] |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Làbarach na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 73,916 |
Mòr-chuid | 8,167 |
Chaidh a cruthachadh ann an 1955 o phàirtean de Lodainn Mheadhanach agus Siorrachd nam Puballan. Bha William Gladstone na BhP airson Lodainn Mheadhanach nuair a bha i na Siorrachd Dhùn Èideann a-mach on borgh Dhùn Èideann agus bha diofar crìochan aice.
Tha Dail Chèith, Penicuik agus Bruach Easg anns an sgìre seo. Is ionann a crìochan agus crìochan na Chomairle Mheadhan Lodainn. Tha i ann an crìch ri Lodainn an Ear, Dùn Èideann an Ear, Dùn Èideann a Deas, Dùn Èideann an Iar-Dheas, Siorrachd Bhearaig, Roxburgh agus Salcraig agus Siorrachd Dhùn Phrìs, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh.[2]
Buill Pàrlamaid
deasaich- Kirsty McNeill (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2024–)
- Owen Thompson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2019–2024)[3]
- Danielle Rowley (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2017–2019)[3]
- Owen Thompson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[3]
- David Hamilton (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2001–2015)
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Midlothian - General election results 2024”, BBC News. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ “Boundary Maps”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2024.
- ↑ 3.0 3.1 3.2 “Midlothian parliamentary constituency”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
Buill Pàrlamaid Westminster