Obar Dheathain a Tuath (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Obar Dheathain a Tuath (Beurla: Aberdeen North).
Obair Dheathain a Tuath | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Kirsty Blackman BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 62,489 |
Mòr-chuid | 12,670[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 1885 agus mhùth a crìochan ann an 1918, 1950, 1955, 1983, 1997 is 2005.
Tha a' phàirt a tuath de dh' Obar Dheathain agus an stèisean rèile, Oilthigh Obar Dheathain, am port aiseig agus phàirt an ear Sràid Aonaidh anns an sgìre seo,[2] ach tha Deis agus Bridge of Don ann an Gòrdan. Tha i ann an crìch ri Gòrdan, Obar Dheathain a Deas agus Siorrachd Obar Dheathain an Iar agus Ceann Chàrdainn.
Buill-Phàrlamaid
deasaich- Kirsty Blackman (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–)[1]
- Frank Doran (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2005–2015)[3]
- Malcolm Savidge (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (1997–2005)[4]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Aberdeen North parliamentary constituency”. BBC. Air a thogail 14mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
- ↑ “Frank Doran, former MP, Aberdeen North”. Air a thogail 10mh dhen Lùnasdal 2017.
- ↑ “Malcolm Savidge, former MP, Aberdeen North”. Air a thogail 10mh dhen Lùnasdal 2017.
Buill Pàrlamaid Westminster