Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear (sgìre Phàrlamaid Westminster)

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear (Beurla: East Dunbartonshire).

Siorrachd Dhùn Breatainn an Ear
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Amy Callaghan BP
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Luchd-bhòtaidh 66,075
Àireamh-bhòtaidh 53,031
Mòr-chuid 149[1]

Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Shrath Chelbhinn agus Bearsden agus pàirtean de sgìrean eile ach bha sgìre eile air an robh an aon ainm ro 1983. Bha Mairead Ewing, mar Mhairead Bain, na BP air a son eadar 1974 agus 1979.[2] Bha Jo Swinson na ciad bhall pàrlamaid eadar 2005 agus 2015 nuair a bhuannaich an Nàiseantach John Nicolson agus bhuannaich i a-rithist ann an 2017 i.

Tha Bearsden, Muileann-Ghaidh agus Drochaid an Easbaig anns an sgìre seo.[3] Tha i ann an crìch ri Sruighlea, Comar nan Allt, Cill Saidh agus Cair Cheann Tulaich an Ear, Coatbridge, Chryston agus Belshill, Glaschu an Ear-Thuath, Glaschu a Tuath, Glaschu an Iar-Thuath agus Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar.

Buill-Phàrlamaid

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Jo Swinson MP”. Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte. Air a thogail 29mh dhen Ògmhios 2019.
  2. MacUilleim, Brian (23mh dhen Mhàrt 2006): “Obituary: Margaret Ewing”. The Guardian. Air a thogail 19mh dhen Ghearran 2017.
  3. Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
  4. 4.0 4.1 4.2 Dunbartonshire East parliamentary constituency”, BBC News. 13mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 13mh dhen Dùbhlachd 2019.