Baile Dhunlèibhe (sgìre Phàrlamaid Westminster)
sgìre Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann am Baile Dhunlèibhe (Beurla: Livingston).[2]
Baile Dhunlèibhe | |
---|---|
![]() | |
![]() | |
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Hannah Bardell BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 82,285 |
Mòr-chuid | 13,435[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 1983 o Lodainn an Iar agus pàirtean de Lodainn Mheadhanach. Bha Robin Cook am BP airson na sgìre seo mus do chaochail e ann an 2005.[3]
Tha Baile Dhunlèibhe fhèin agus Broxburn anns a' sgìre seo.[4] Tha i ann an crìch ri Gleann Iucha agus An Eaglais Bhreac an Ear, Dùn Èideann an Iar, Dùn Èideann an Iar-Dheas, Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh, Lannraig agus Hamilton an Ear agus An t-Àrd-Ruigh agus Shotts.
Buill-Phàrlamaid deasaich
- Hannah Bardell (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–)[1]
- Graeme Morrice (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2010–2015)
- Jim Devine (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (frith-thaghadh ann an 2005–2010)
- Robin Cook (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (1983–2005)
Iomraidhean deasaich
- ↑ 1.0 1.1 “Livingston parliamentary constituency - Election 2017”. BBC. Air a thogail 21mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ “Livingston/Baile Dhunlèibhe”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2018.
- ↑ MacUilleim, Brian: “Obituary: Robin Cook”. The Guardian. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017.
- ↑ “UK Parliament 2005 onwards Livingston county constituency”. Coimisean Chrìochan na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Ghearran 2017 (pdf).
Buill Pàrlamaid Westminster