'S e neach-poileataigs o Èirinn a Tuath bho thùs agus a thogadh ann an Alba a tha ann am Philippa Whitford.

Philippa Whitford
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Siorrachd Àir Meadhain
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Siorrachd Àir Meadhain
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Siorrachd Àir Meadhain
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
Beatha
Breith Beul Feirste, 24 dhen Dùbhlachd 1958
Dùthaich  Èirinn a Tuath
Foghlam
Foghlam Oilthigh Ghlaschu
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus làmh-lèigh
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
whitford.scot

Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Ghlaschu far an do rannsaich i aillse-chìche. Mar shaor-thoiliche meidigeach chaidh i gu Gàsa agus Leabanon anns na 1990an agus an sin dh'obraich i 19 bliadhna mar làmh-lèigh aillse ann an Cill Mheàrnaig. Chaidh i na neach-iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba is i ball de Women for Independence.[1]

Riochdaich i Siorrachd Àir Meadhain ann an Taigh nan Cumantan airson an SNP eadar 2015 agus 2024. Mar lighiche bha i na neach-labhairt a' phàrtaidh air slàinte eadar 2015 agus 2021. Dh'fhrithealaich i mar neach-labhairt air cùisean Eòrpach gu ruige an Dùbhlachd 2022 agus an sin air cùisean na h-Alba ron t-Sultain 2023.[2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Dr Philippa Whitford”. Comann Crann na h-Alba. Air a thogail 4mh dhen Iuchar 2024.
  2. Parliamentary career for Philippa Whitford - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 4mh dhen Iuchar 2024.

Ceanglaichean a-mach

deasaich