'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Tommy Sheppard.

Tommy Sheppard
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Dùn Èideann an Ear
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Dùn Èideann an Ear
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
Neach-ionaid Seanadh Pàrlamaideach Comhairle na h-Eòrpa

24 dhen t-Samhain 2017 -
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Dùn Èideann an Ear
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
Beatha
Breith Cúil Raithin, 6 dhen Mhàrt 1959
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Foghlam
Foghlam Oilthigh Obar Dheathain
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Àitichean-obrach Lunnainn
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Am Pàrtaidh Làbarach

Rugadh e ann an Èirinn a Tuath agus bha e na oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain. Dh'fhrithealaich e mar leas-cheannard Aonadh Nàiseanta nan Oileanach agus bha e na chomhairliche ann an Hackney. An sin bha e na leas-rùnaire coitcheann a' phàrtaidh Làbarach ann an Alba fo John Smith.[1]

Stèidhich e cluba comadaidh ann an Dùn Èideann còmhla ris a chèile Jane Mackay ann an 1995. Thòisich Frankie Boyle a chùrsa-obrach an sin.[2]

Chaidh a thaghadh airson Dùn Èideann an Ear ann an Taigh nan Cumantan mar thagraiche an SNP ann an 2015, 2017 agus 2019. Bha e na bhall Comataidh Thaghte nan Inbhean eadar 2015 agus 2017 agus na bhall Comataidh Thaghte nan Cùisean Albannach eadar 2017 agus 2019.[3]

Iomraidhean

deasaich
  1. Hannan, Martin: “Meet your new Scottish MPs: # 12 Tommy Sheppard, Edinburgh East”, The National. 26mh dhen Ògmhios 2015. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2024. 
  2. Nicolson, Stuart: “How taking a Stand saved Scottish comedy”, BBC Scotland News. 4mh dhen Fhaoilleach 2010. Air a thogail 13mh dhen Ògmhios 2024. 
  3. Parliamentary career for Tommy Sheppard - MPs and Lords”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 11mh dhen Ògmhios 2024.

Ceanglaichean a-mach

deasaich