Earra-Ghàidheal agus Bòd (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd (Beurla: Argyll and Bute).
Earra-Ghàidheal agus Bòd | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Brendan O'Hara BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Àireamh-bhòtaidh | 66,525 |
Mòr-chuid | 4,110[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 1983 o Earra-Ghàidheal agus pàirtean de Bhòid agus Siorrachd Àir a Tuath. Is ionann crìochan na sgìre agus crìochan na Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a-nis[2] ach ro 2005 b' ionann a crìochan agus crìochan sgìre Phàrlamaid na h-Alba agus bha an t-ionad mu Bhaile Eilidh sa' sgìre eile. Tha Ceann Loch Chille Chiarain, Dùn Òmhain, Baile Eilidh agus Baile Bhòid nam bailtean cudromach sa sgìre seo.
Tha i ann an crìch ri Ros, An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Abar, Peairt agus Siorrachd Pheairt a Tuath, Sruighlea agus Siorrachd Dhùn Breatainn an Iar.
Buill-Phàrlamaid
deasaich- Brendan O'Hara (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–)[1]
- Alan Reid (Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba) (2010–2015)
- Ray Michie (Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba agus Pàrtaidh Libearal ro 1988) (1987–2010)
- John MacKay (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba) (1983–1987)
Faic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 “Argyll & Bute parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 15mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
Buill Pàrlamaid Westminster