Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig (sgìre Phàrlamaid Westminster)
'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig (Beurla: Ayr, Carrick and Cumnock).
Inbhir Àir, Carraig agus Cumnaig | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Westminster |
Ball | Allan Dorans BP |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Luchd-bhòtaidh | 71,970 |
Mòr-chuid | 2,329[1] |
Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o Charraig, Cumnaig agus Srath Dhùn agus phàirtean de Inbhir Àir.
Tha Inbhir Àir fhèin, Cumnaig, Am Magh Baoghail, Inbhir Gharbhain agus Baile an Tràighe anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Siorrachd Àir Meadhain, Cille Mhearnaig agus Lùghdan, Siorrachd Dhùn Phris, Dail Chluaidh agus Srath Thuaidh agus Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh.
Buill Pàrlamaid
deasaich- Allan Dorans (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2019–)[1]
- Bill Grant (Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba) (2017–2019)[1]
- Corri Wilson (Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba) (2015–2017)[1]
- Sandra Osborne (Pàrtaidh Làbarach na h-Alba) (2005–2015)
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 1.2 1.3 “Ayr, Carrick & Cumnock parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 15mh dhen Dùbhlachd 2019.
- ↑ Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)
Buill Pàrlamaid Westminster