Glaschu a Deas (sgìre Phàrlamaid Westminster)

'S e sgìre Phàrlamaid Westminster a tha ann an Glaschu a Deas (Beurla: Glasgow South).

Glaschu a Deas
Dùthaich Alba
Pàrlamaid Westminster
Ball Stewart McDonald BP
Pàrtaidh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
Luchd-bhòtaidh 70,891
Mòr-chuid 9,005[1]

Chaidh a cruthachadh ann an 2005 o phàirtean de Ghlaschu Pollaig, Ghlaschu Baile a' Ghobhainn, Ghlaschu an Ruadh-Ghleann agus Ghlaschu Cathcart.

Tha Carmunnock, Caisteal Meilc, Cathcart, Pollokshaws, an Cruinneachadh Burrell agus Hampden Park anns an sgìre seo.[2] Tha i ann an crìch ri Glaschu Meadhain, An Ruadh-Ghleann agus Hamilton an Iar, Cille Bhrìghde an Ear, Srath Abhainn agus Lios Mo Fhèige, Siorrachd Rinn Friù an Ear agus Glaschu an Iar-Dheas.

Buill Pàrlamaid

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. 1.0 1.1 Glasgow South parliamentary constituency”. BBC News. Air a thogail 20mh dhen Dùbhlachd 2019.
  2. Mapa aig Coimisean Chrìochan na h-Alba (pdf)