Carlos Holguín Mallarino

(Air ath-sheòladh o Rafael Núñez)

B’ e saighdear, fear-lagha, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Tomás Carlos Holguín Mallarino (Nóvita, 11 an t-Iuchar 1832Bogotá, 19 an Dàmhair 1894).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 7 an Lùnastal 1888 agus 7 an Lùnastal 1892. Buineadh Holguín do theaghlach Uachdaran Chocó, air an àirde an iar na dùthcha ri taobh a’ Chuain Shèimh. Bha a bhràthair, Jorge Holguín Jaramillo, na cheann-suidhe agus bràthair-màthar, Manuel María Mallarino, cuideachd.[2] Phòs e aig Margarita Caro Tovar.[3] B’ e piuthar Miguel Antonio Caro Tovar, ceann-suidhe cuideachd, a bh’ innte. Lean Caro Tovar e san dreuchd. Phòs a nighean Clemencia aig Roberto Urdaneta Arbeláez ann an 1917.[4]

Carlos Holguín Mallarino
ball Seanadh Choloimbia

Beatha
Breith Nóvita, 11 dhen Ògmhios 1832
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 19 dhen Dàmhair 1894
Nàdar a’ bhàis  (asphyxia (en) Translate)
Teaghlach
Athair Vicente Holguín
Cèile Margarita Caro Tobar (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Colegio Mayor de San Bartolomé (en) Translate
St. Bartholomew Major College (en) Translate
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, neach-naidheachd, dioplomat, neach-lagha, britheamh agus sgrìobhadair
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Nàiseanta Choloimbia
Strì Cogadh Catharra Choloimbia
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia

Chaidh e dhan Arm an dèidh an oilthigh agus bha e an lùib iomairtean an aghaidh an deachdaire José María Melo ann an 1854 a chuir crìoch air an Riaghaltas,[5] agus an uair sin an aghaigh Tomás Cipriano de Mosquera ann an 1863. Mu dheireadh thall bha e an sàs ar-a-mach an aghaidh Aquileo Parra Gómez ann an 1975 cuideachd. B’ e smuaintean agus dòighean ùra a dheidheadh an aghaidh nan Tòraidh a shabaideadh e a-riamh.

Iomraidhean

deasaich
  1. Banrepcultural
  2. Banrepcultural
  3. Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, 1983
  4. Geni
  5. Sala de Touron, "Democracia en America Latina: liberales, radicales y artesanos a mediados del siglo XIX," Secuencia 61, 2005